Naidheachdan

Farpais Bhideo Ciùil ga chuir air Bhog aig Fèis Loopallu le Hunter and the Bear

Aig an deireadh sheachdain a chaidh chaidh sinn gu Fèis Loopallu ann an Ullapul airson am farpais bhideo ciùil aca a chuir air bhog agus filmichean a shealltainn bho na sia bliadhna a chaidh bho thòisich an fharpais.

Thàinig Hunter and the Bear dhan teanta againn, a bha air bhoil le daoine a bha airson an cluinntinn airson seisean ciùil beò. Tha an còmhlan air taic a thoirt do leithid Bruce Springsteen angus Eric Clapton roimhe. Thuirt an t-seinneadair aca Willie Irvine a tha à Achd Ille Bhuidhe:

“Tha sinne ro thoilichte a bhith an seo a’ toirt taic do FilmG. ‘S e dòigh air leth a th’ ann an bhideothan ciùil air sgeulachd innse agus ’s e meadhan air leth a th’ ann air ìomhaigh a thogail agus d’ obair a thoirt mu choinneimh a’ mhòr shluagh gu sònraichte tro na meadhanan sòisealta.  Tha sinne a’ guidhe gach soirbheachas dhan a h-uile duine a tha an dùil bhideo a chur a-steach dhan fharpais.”

Bho thòisich an fharpais an toiseach ann an 2008, tha FilmG air a bhith a’ misneachadh agus a’ brosnachadh òigridh agus inbhich gus na tàlantan cruthachail aca a thoirt am follais tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha an fharpais bhideo ciùil ag iarraidh air daoine bhideo ciùil le briathran Gàidhlig a chruthachadh a tha eadar trì agus còig a mhionaidean a dh’fhaid. Faodaidh seo a bhith na òran gu tur ùr no na ath-sgrìobhadh de sheann òran.

A’ bruidhinn aig an fhèis thuirt Flòraidh Forrest, Manaidsear Phròiseact FilmG gun robh i air a dòigh leis mar a chaidh an deireadh sheachdain:

“’S e cothrom air leth a th’ ann a bhith a’ gabhail pàirt ann am fèis leithid Loopallu oir tha e air a dheagh ruith agus tha faireachdainn càirdeil dha rìreabh ann. B’ e an amas a bh’ againn, na filmichean goirid Gàidhlig a th’againn a thoirt mu choinneimh barrachd dhaoine. Bha an teanta againn air bhoil fad an deireadh sheachdain agus bha a’ mhòr-chuid de na bha an làthair nach robh air smid Gàidhlig a chluinntinn roimhe. Bha sinn cuideachd air leth fortanach gun robh leithid Hunter and the Bear cho deònach an taic a chuir ris an fharpais againn.”