Naidheachdan

Kerry Nic a Phì, Lùth-Chleasaiche A’ Cho-Fhaitheis a' cur Farpais FilmG A Seachd air Bhog

Tha sinn toilichte innse gun deach an fharpais a chur air bhog leis an lùth-chleasaiche bho sgioba Alba, Kerry Nic a’ Phì an làthair airson cuspair na bliadhna-sa fhoillseachadh.

Chaidh an fharpais a chur air bhog aig Sgoil Lionacleit ann am Beinn nam Faoghla, far an do choinnich Kerry ri tidsearan agus sgoilearan. Chaidh Kerry fhèin tron fhoghlam ann an Sgoil Lionacleit agus ’s i a’ chiad neach às na h-Eileanan an Iar a bha riamh a’ farpais aig Geamannan a’ Cho-fhlaitheis.

Tha cuspair na bliadhna-sa, “Gealladh”, gu math iomchaidh do Kherry, ’s i air gealltainn a h-uile spàirn a dhèanamh gus a bhith cho math ’s as urrainn dhith anns an spòrs sa bheil i fhèin an sàs. Chleachd Kerry an cothrom a bhith aig Sgoil Lionacleit airson òigridh a mhisneachadh airson strì a dhèanamh, ge b’ e dè th’aca sam amharc.

Thuirt Kerry: “Nuair a dh’fhàg mise Uibhist an toiseach airson a dhol dhan oilthigh cha d’ thàinig e steach orm aon turas gum b’ urrainn dhomh leithid a rud a dhèanamh. Sin a tha gam fhàgail cho toilichte a bhith feuchainn ris a h-uile brosnachadh a thoirt do dh’ òigridh an latha an-diugh gus am bi misneachd aca rùn an cridhe a leantainn.

“Bu mhath leam taing  a thoirt do FilmG an cuireadh seo a thoirt  dhomh, tha na thogail cridhe a bhith an sàs ann am pròiseact brosnachail Gàidhlig do dh’ òigridh. ’S ann a bha mise ro thoilichte a bhith air fear de na postairean aca am bliadhna – tha mi a’ guidhe a h-uile soirbheachas dhan fheadhainn a bhios an sàs ann am farpais na bliadhna-sa.”

Bha Miller Dòmhnallach, ceannard Sgoil Lionacleit, air a dhòigh gun deach Sgoil Lionacleit a thaghadh airson cuspair na bliadhna-sa fhoillseachadh agus rinn e moladh mòr air Kerry leis cho soirbheachail ’s a tha i air a bhith o chionn ghoirid, “Tha i air sealltainn cho làidir, righinn agus cruthachail sa tha i. ’S e sin a tha ga fàgail far a bheil i an-diugh agus tha sinne gu math moiteil aiste.”

Tha roinn ùr san fharpais am-bliadhna le duais sònraichte airson ‘Filmeadair(ean) Ùr Òg As Fheàrr’. Bidh an duais seo ga thabhann do bhuidheann no aon neach a rinn film leotha fhèin às aonais cuideachaidh bho phroifeiseantach sam bith.

Thuirt Flòraidh Forrest, Manaidsear Phròiseact FilmG: “Thairis air na dha no thrì bhliadhnaichean a dh’ fhalbh tha sinn air barrachd agus barrachd fhilmeadairean neo-eisimeileach fhaicinn agus tha sinn airson sin a bhrosnachadh cho mòr ’s as urrainn agus òigridh a bhrosnachadh gus na filmichean aca fhèin a thoirt gu buil bho thoiseach gu deireadh. Tha Kerry na deagh eisimpleir air cuideigin le spiorad neach-tionnsgain a tha air a h-uile oidhirp a dhèanamh airson sàr-inbhe a ruighinn. Tha sinne airson an aon spiorad sin a bhith ri fhaicinn ’s na meadhanan Gàidhlig.”

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Leasachaidh agus Co-bhanntachdan aig MG ALBA: “Tha FilmG air a bhith air leth soirbheachail bho chaidh a chur air bhog an toiseach ann an 2008 agus tha sinn cinnteach gum bi an t-seachdamh farpais a cheart cho soirbheachail ann a bhith toirt tàlant ùr am bàrr tro bhith cruthachadh filmichean goirid ann an Gàidhlig.

Tha sinn fhìn agus na britheamhan air mothachadh gu bheil inbhe agus ìre nam filmichean air a dhol am meud thar nam bliadhnaichean gu ìre nach bithte an dùil aig toiseach gnothaich.

“Tha sinne a’ toirt a h-uile misneachd do dhaoine aig a bheil ùidh ann am filmeadaireachd – sean is òg, fileanta sa Ghàidhlig no nach biodh – pàirt a ghabhail san fharpais agus na goireasan a tha rim faotainn air làrach-lìn FilmG a chur gu làn chleachdadh agus na beachdan aca a thoirt am follais air an sgàilean mòr.”

Tha FilmG a-nis fosgailte gu Dihaoine 19 Dùbhlachd airson Farpais an Òigridh (12-17 bliadhna a dh’aois) agus gu Diluain 19 Faoilleach airson Farpais nan Inbheach (thairis air 18 no buidheann coimhearsnachd).