Naidheachdan

Farpais Bhidio Ciùil ga Chur air Bhog aig Loopallu

Tha sinn air leth toilichte a bhith tilleadh gu Loopallu airson an darna bliadhna an deireadh-sheachdain sa.

Chòrd fèis na bliadhn’ uiridh glan rinn agus tha sinn a’ gabhail fadachd ris an aon spòrs am-bliadhna!

Chan e mhàin gum bi sinn a’ sealltainn fhilmichean, ach a’ cuir Farpais Bhidio Ciùil na bliadhna air bhog leis a’ chòmhlan aithnichte Hunter & the Bear! 'S ann à Achd Ille Bhuidhe a tha an t-seinneadair Will Irvine agus tha sinn an dòchas gun cuir sibh fàilte bhlàth Ghàidhealach orra!