Naidheachdan

COTHROM DHA SGRÌOBHADAIREAN GÀIDHLIG


Tha Pròiseact nan Ealan (buidheann leasachaidh nàiseanta nan ealan Ghàidhlig) a’ co-obrachadh le Taigh-cluiche Nàiseanta na h-Alba, Playwright’s Studio agus Comhairle nan Leabhraichean a’ lìbhrigeadh cùrsa còmhnaidheach airson seachdain aig  Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach bho 15-19mh Ògmhios 2015.

An dèidh cho soirbheachail ‘s a bha an cùrsa còmhnaidheach an-uiridh aig Moniack Mhòr, tha an dàrna cùrsa seo ag amas air sgrìobhadairean ùra Gàidhlig agus feadhainn nas eòlaiche a chur an sàs ann an leasachadh sgilean sgrìobhaidh dràma Ghàidhlig airson iomairtean ri thighinn. Tro bhùthan-obrach, bhuidhnean is seiseanan fa leth le taoitearan, rannsaichidh an cùrsa dòighean airson pìos dràma Gàidhlig a leasachachadh a dh’aindheoin eòlais no bun-fiosrachaidh.  

TAOITEARAN

‘S iad na taoitearan an sgrìobhadair sgriobt Gàidhlig cliùiteach, Iain Fionnlagh MacLeòid agus sgrìobhadair cuideachaidh Taigh-cluiche Nàiseanta na h-Alba, George Aza-Selinger.  Bidh Comhairle nan Leabhraichean is Playwrights Studio cuideachd a’ toirt comhairle seachad mu na cothroman a th’ ann dha sgrìobhadairean Gàidhlig.

COSGAISEAN

Thèid oideachadh, àitean-fuirich, biadh is siubhal a phàigheadh dha com-pàirtichean a’ chùrsa.

DÒIGH TAGRAIDH

Airson iarrtas a chur a-steach cuir post-d  leis an fhiosrachadh a leanas (ann an Gàidhlig no Beurla) gu Màiri Ghreumach aig  mairi@gaelic-arts.com:

Aithris gun a bhith nas fhaide na 150 facal ag innse carson bu toigh leat com-pàirt a ghabhail sa chùrsa sgrìobhaidh seo
Lethbhreac ded CV a’ toirt cunntas air d’ eòlas sna h-ealain  
Aithris ghoirid (gun a bhith nas fhaide na 150 facal) ag innse mun dèidh is an dealas a th’ agad ann an dràma  (mar dhèanadair no mar bhall den luchd-èisteachd).
Paragraf goirid (gun a bhith nas fhaide na 100 facal) mu bheachd airson cleasachd bu mhath leat a rannsachadh tron chùrsa.

 

CEANN-LATHA AIRSON IARRTASAN: Dihaoine 22 Cèitean 2015

Thèid innse dha tagraichean an robh na tagraidhean aca soirbheachail air Dihaoine 29 Cèitean 2015.