Naidheachdan

Britheamhan Roinn an Òigridh a’ coinneachadh air Dihaoine!

Air Dihaoine an 23mh den Fhaoilleach coinnichidh na britheamhan gus coimhead air filmichean Roinn an Òigridh, aig togalach a’ BhBC aig Pacific Quay, agus gus geàrr-liostan is buanaichean a thaghadh. Le 50 film ann an Roinn an Òigridh, agus na filmichean cho proifeiseanta air an dèanamh ’s a bha gu ruige seo, tha obair mhòr romhpa! ’S iad britheamhan na bliadhna-sa:

Catriona NicIain

Tha eòlas farsaing aig Catriona air saoghal-craolaidh na Gàidhlig agus i air an t-uabhas obair a dhèanamh air prògraman Rèidio agus TBh, an dà chuid a’ lìbhrigeadh phrògraman agus na riochdaire. Tha i a-nise os cionn a’ Chùrsa TBh aig Sabhal Mòr Ostaig – cùrsa cho aithnichte ’s a th’ann ann an saoghal na Gàidhlig, leis a chuid mhòr de dh’oileanaich a’ faighinn obraichean sna meadhanan an-dèidh dhaibh ceumnachadh. Còrdaidh filmichean anns a bheil sgeulachd làidir, a tha air an deagh dhèanamh, ri Catriona.

Linda NicLeòid

Bidh a’ mhòr chuid agaibh eòlach air aodann Linda agus i gu math tric a’ nochdadh air BBC ALBA air measgachadh de phrògraman ciùil, prògraman cloinne agus chan fhada gum faic sinn a-rithist i air ‘Air an Rathad’. Chan e mhàin gu bheil i air leth comasach air beulaibh a’ chamara, agus i ag obair gu làitheil na h-Oifigear Leasachaidh aig An Lòchran a’ cur air dòigh thachartasan Gàidhlig ann an Glaschu, tha i na seinneadair àibheiseach cuideachd. Cha bhi duilgheadas sam bith aig Linda cleasaichean mhath a thaghadh.

Ramsay MacMahon

Cheumnaich Ramsay bho Chùrsa TBh an t-Sabhail ann an 2013 agus tha e a-nise ag obair na iar-riochdaire aig Caledonia TV air measgachadh de phrògraman aithriseach, nam measg Fuine agus Bliadhna Kerry. Chan eil teagamh nach tèid aige air deagh sgeulachd aithneachadh agus e fhèin gu math cleachdte ri bhith cruthachadh a leithid!

Thèid na geàrr-liostan fhoillseachadh air an 11mh den Ghearran agus thèid na buanaichean a ghairm aig Cuirm nan Duaisean aig The Old Fruitmarket ann an Glaschu air an 27mh den Mhàirt. Thèid na filmichean air fad suas air an làraich-lìn air Diciadain an 28mh den Fhaoilleach.