Naidheachdan

Foillseachadh geàrr-liosta FilmG 2016

Tha FilmG, Co-fharpais nam Filmichean Goirid Gàidhlig aig MG ALBA, air geàrr-liosta na bliadhna fhoillseachadh agus luchd-film ùr, buidhnean coimhearsnachd is sgoiltean às a h-uile ceàrnaidh den dùthaich a' nochdadh air an liosta.

Thug cuspair na bliadhna sa, 'Cliù', brosnachadh dhan luchd-film gus beachdan is sgeulachdan ùra a thoirt gu buil agus air sàilleabh sin bha dleastanas inntinneach ach doirbh aig na britheamhan ri coileanadh is iad a' taghadh nam filmichean as fheàrr.

Bha stiùirichean, riochdairean is sgrìobhadairean a tha ag obair sa ghnìomhachas air pannal nam britheamhan, nam measg, Aonghas MacAoidh, Stiùiriche Corran Media Productions a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh. Tha Aonghas air a bhith na bhritheamh roimhe agus na bheachd-san bha filmichean na bliadhna aig fìor ìre àrd. Thuirt e:

"'S e co-fharpais anabarrach math a th' ann am FilmG a tha a' coileanadh dleastanas uabhasach cudromach le bhith a' brosnachadh an dà chuid daoine a nì filmichean mar chur-seachad agus daoine òga proifeiseanta a tha airson barrachd fhilmichean a dhèanamh anns a' Ghàidhlig. Bha e na thlachd dhomhsa a bhith a' faicinn ìre am filmichean a dhol am feabhas bhon turas mu dheireadh a bha mi nam bhritheamh – tha sin fhèin a' sealltainn gu bheil FilmG air a bhith glè shoirbheachail. Tha filmichean na bliadhna sa a' taisbeanadh an tàlant òig a th' againn sa ghnìomhachas ma tha na cothroman ann, ach cuideachd gu bheil daoine ann an coimhearsnachd fharsaing na Gàidhlig aig a bheil na sgilean mar-thà airson susbaint mhath a thoirt am follais. Bu chaomh leam iarraidh air na daoine sin cumail orra a' leasachadh nan sgilean sin."

Fhuaireadh 54 filmichean, an àireamh as àirde a-riamh ann an roinn na h-Òigridh, agus bha dùbhlan mòr ro na britheamhan is iad a' roghnachadh nam filmichean. Bha grunnan sgoiltean às a' Ghàidhealtachd soirbheachail agus Acadamaidh Inbhir Pheofharain, Àrd-sgoil Gheàrrloch, Acadamaidh Rìoghail Baile Dhubhthaich, Àrd-sgoil Loch Abar, Àrd-sgoil Malaig is Àrd-sgoil Àird nam Murchan uile air a' gheàrr-liosta le measgachadh de dh'fhilmichean eadar dreachan ùra de sheann uirsgeulan agus sgeulachdan eucoireach 'cò rinn e?'.

Bha moladh mòr air ginealach ùr de chleasaichean à Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus triùir chleasaichean ann an S1 nan dàrna leth den gheàrr-liosta airson Cleasaiche As Fheàrr. 'S iad Somhairle Dòmhnallach, Ruairidh MacLeòid agus Mia Weir. Tha Adam Bradley às Acadamaidh Inbhir Pheofharain, Kate Biddulph às Àrd-sgoil Mhalaig agus Ava NicFhionghain às Àrd-sgoil Greenfaulds air geàrr-liosta nan cleasaichean cuideachd.

A thuilleadh air a bhith na cleasaiche, sgrìobh agus stiùirich Ava NicFhionghain am film aice fhèin agus tha i air a' gheàrr-liosta airson Neach-film Òg As Fheàrr agus Film Goirid As Fheàrr air Fòn-làimhe. Chan eil Ava na h-aonar ann a bhith a' nochdadh air iomadh roinn oir bha Ross MacCoinnich na sgrìobhadair, na stiùiriche agus na chleasaiche anns an fhilm aigesan, An t-Sireadh, anns a bheil iomradh ga thoirt air sàr fhilmichean a leithid Bladerunner. Tha Ross a' nochdadh air na geàrr-liostaichean airson Neach-film Òg As Fheàrr agus Film Goirid As Fheàrr air Fòn-làimhe.

Chan e sgoilearan a-mhàin a bha a' taisbeanadh na liut aca air filmichean. Bha filmichean air leth math anns an roinn nan Inbheach airson luchd film ùr nas sine na seachd bliadhna deug agus buidhnean coimhearsnachd.

Tha film, ‘ReStore’ leis an ionad ionnsachaidh 'Cothrom' ann an Uibhist a Deas air a' gheàrr-liosta airson Film Coimhearsnachd As Fheàrr, anns a bheil an iomairt aca leis an aon ainm a toirt cothroman trèanaidh do mhuinntir na sgìre le bhith ag ùrachadh seann bhuill àirneis. Air a' gheàrr-liosta cheudna agus air liosta Film Goirid As Fheàrr air Fòn-làimhe, tha Taigh na Gàidhlig, buidheann de dh'oileanaich Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu. Rinn iad film air a bheil 'Cliù nan Caorach', anns a bheil coimhearsnachd bheothail òg na Gàidhlig ann an Glaschu a' nochdadh mar threud ainmeil chaorach. 

Bidh farpais mhòr ann airson duais ùr na bliadhna, Film Èibhinn As Fheàrr. Tha fèill mhòr mar-thà air dà fhilm air na meadhanan sòisealta, is iad am film aithriseach ait, 'Mach às mo Rathad', le Darren MacIllEathain a tha ag innse sgeulachd rionnag pop mas fhìor a tha airson a bhith ainmeil. Tha òran pop sgoinneil ann agus dannsairean a tha a cheart cho tarraingeach! Anns an aon roinn tha an còmhlan traidiseanta 'The League of Highland Gentlemen' agus an sgeul aca mun aiseig eadar Malaig is Uibhist, 'Seachdain gun Seòladh'. Tha an aiseag Loch Never a' seòladh eadar Sràid Mhalaig agus Sràid Uibhist ann an Glaschu ach, air sgàth iomadh adhbhar, cha bhi i uair sam bith a' ruigsinn an taoibh thall. 

Tha na geàrr-liostaichean gu lèir ri fhaighinn air an làrach, far am faicear a h-uile film ann an co-fharpais na bliadhna sa. Thèid na filmichean a shoirbhicheas a ghairm aig cuirm duaisean FilmG aig an Old Fruitmarket ann an Glaschu, Dihaoine 19 Gearran. Cumaibh cluas ri claisneachd air na meadhanan sòisealta airson fios air na tiocaidean airson cuirm nan duaisean.