Naidheachdan

4 Seachdainean Eile!

Tha ceann-là FilmG 2016 a’ teannadh oirnn agus sinn ag iarraidh air fairpisich na filmichean a chur thugainn ro mheadhan-oidhche air 16 Dùbhlachd!

Mar a bhios a’ tachairt gach bliadhna tha dùil againn gun tèid tàlant ùr a thoirt am bàrr, gu sònraichte agus duaisean de £1000 an tè againn airson an Dealbh-beò as Fheàrr agus Comadaidh as Fheàrr ann an Roinn nan Inbheach airson a’ chiad uair a-riamh!

Tha sinn fada an comain Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean airson taic a chur ri duais shònraichte airson Film Aithriseach as Fheàrr. Gheibh an neach a ghlèidheas an duais sa cothrom a dhol a dh’obair aig companaidh riochdachaidh air filmichean aithriseach a tha gan ullachadh airson BBC  ALBA. 

Tha cothroman mòra an lùib duais an Dràma cuideachd, agus teansa aig am buanaiche air greis-obrach air sreath dràma Albannach air no cùrsa ann a bhith stiùireadh ’s a’ riochdachadh dràma, a rèir an toil fhèin.

Chan ann a-mhàin dha na h-inbhich a tha na duaisean ùra ge-tà agus £500 ga thoirt seachad airson Film Fòn-làimhe as Fheàrr, agus cùrsa sgrìobhaidh airson duais Sgriobt as Fheàrr, anns an dà roinn.

Ma tha beachd agaibhse airson film goirid air no sgriobt, chan eil agaibh ach tòiseachadh!