Naidheachdan

A’ dèanamh Film Fòn-làimhe?

Tha sinn air ar dòigh agus dà fhilm deug againn mu thràth! Chan eil sin ri ràdh nach eil ùine ann fhathast dhuibhse a tha airson pàirt a ghabhail san fharpais, agus duais againn ann an dà chuid Roinn an Òigridh agus Roinn nan Inbheach airson am Film Fòn-làimhe as Fheàrr. Seo agaibh beagan comhairle dhuibhse a tha an dùil feuchainn air an duais sa:

  • Dèan cinnteach nach bi am fòn air chrith!
  • Feuch gun clàr thu am film landscape seach portrait.
  • Feuch nach cuir thu zoom gu feum cus, ach gun tèid thu nas fhaisge air ge bith dè tha thu clàradh.
  • Cuir gu feum rudan a tha san taigh a leithid bulldog clip, selfie stick, no fiù ’s egg timer!

Tha bhideothan sgoinneil air YouTube, a thaobh a bhith filmeadh a-muigh, a bhith clàradh fuaim agus filmichean a chaidh an dèanamh le fòn-làimhe. Siuthad!