Naidheachdan

Cliù sa Choimhearsnachd

Tha postairean na bliadhna air còrdadh ri daoine gu mòr, ach tha iomadh duine air faighneachd mu dheidhinn fear dhiubh agus iad a’ gabhail iongnadh dè an ceangal a th’ aige ri ‘Cliù’.

Bha sinn airson postair a dhèanamh am-bliadhna a bha stèidhichte air cuideigin a bha cliùiteach ann an dòigh diofraichte bho mhuinntir ‘Made in Chelsea’ agus ‘TOWIE’ agus gu dearbh cha robh againn ri mòran siubhal a dhèanamh!

Tha Dùghall Ros à Stafainn air obair mhòr a dhèanamh a thaobh a bhith lorg, a’ cruinneachadh ’s a glèidheadh diofar fhosailean, agus ùidh aige ann an eachdraidh na sgìre bho bha e na ghille òg.  Bha e 16, trang aig a’ mhòine, nuair a ghlac rudeigin a shùil… Lorg e 6 sèidean an latha bha sin agus cha do sguir e chladhach on uair sin!

Tha Dùghall agus an Taigh-Tasgaidh aige aithnichte fad is farsaing ann an saoghal arc-eòlais, ach chan eil esan ach a’ dèanamh an rud anns a bheil ùidh aige.  Nach toir sibh sùil air am film a rinn a mhac, Cameron, a’ bhòn-uiridh, far am faicear cuid de na rudan iongantach a tha san taigh-tasgaidh agus far an cluinnear beagan mu bheatha Dhùghaill.

Tha sinn an dòchas gun toir seo oirbhse aig an taigh filmichean a dhèanamh còmhla ri na daoine inntinneach as aithne dhuibh fhèin.