Naidheachdan

Tha thìd' agaibh tòiseachadh!

Tha sinn a-nise san Dùbhlachd, agus gun ach cola-deug air fhàgail gu ceann-là FilmG. Mar a bhiodh dùil, tha daoine fhathast ag obair air filmichean agus cuid fhathast gun tòiseachadh. Tha ùine ann fhathast ge-ta, gu h-àraid dhuibhse a tha an dùil Film Fòn-làimhe a dhèanamh no sgriobt a sgrìobhadh.

Cha leig sibh a leas ach deagh bheachd, agus latha a chur seachad son am film a chlàradh agus oidhche no dhà airson a ghearradh. Tha duaisean sgoinneil ann, a leithid suas ri £1000 de dh’uidheamachd, greis-obrach air prògram, agus £200 ri chosg air Amazon!

   

Siuthad, seall dhan a h-uile duine cho cruthachail ’s a tha thu!