Naidheachdan

FilmG ga chur air bhog le co-fharpais ùr nam fònaichean-làimhe

Chaidh FilmG a chur air bhog Dihaoine 19 An t-Ògmhios ann am Prìomh-oifisean a' BhBC aig Pacific Quay ann an Glaschu. Thàinig sgoilearan à trì àrd-sgoiltean san sgìre cruinn còmhla airson foillseachadh cuspair na bliadhna sa fhaicinn agus airson èisteachd ri luchd-obrach Gàidhlig a' BhBC a' bruidhinn mun eòlas aca air obair sa ghnìomhachas.

Tha e fa-near don cho-fharpais, a tha san ochdamh bliadhna bho chaidh a cur air chois, tàlant ùr airson an sianal telebhisein Gàidhlig, BBC ALBA, a lorg cho math ri filmichean is sgeulachdan a bhrosnachadh ann an coimhearsnachdan Gàidhlig air feadh na h-Alba. Thathar an dòchas gun toir cuspair na bliadhna, 'cliù', cothrom don luchd-film sgeulachdan inntinneach mu dhaoine no àiteachan a lorg airson nam filmichean aca.

A bharrachd air grunnan duaisean ùra, a leithid Film Goirid Èibhinn As Fheàrr agus Beò-dhealbh As Fheàrr, tha duais ùr ann an co-fharpais na bliadhna airson Film Goirid Fòn-làimhe As Fheàrr. Thathar ag iarraidh air an luchd-film co-dhiù 70% den fhilm aca a chlàradh air inneal-làimhe agus tha am buidheann-maoineachaidh MG ALBA den bheachd gun tèid barrachd susbaint Gàidhlig a chruthachadh mar thoradh air seo. Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt:

'Tha leasachadh nam meadhanan didseatach gu math cudromach. Tha barrachd dhaoine a-nis a' coimhead air susbaint air-loidhne agus tha am beàrn eadar an luchd-film is an luchd-amhairc a' dùnadh, gu h-àraid leis na meadhanan-sòisealta mar dhòigh air susbaint a bhrosnachadh. Bu mhath leinn gun rachadh tuilleadh susbaint Gàidhlig a chruthachadh agus 's e sgeama fìor mhath a th' ann am FilmG airson taic a chumail ris an amas seo.'

Tha fèill mhòr air FilmG anns na h-àrd-sgoiltean air feadh na h-Alba anns a bheilear a' teagasg Gàidhlig. Bha trì sgoiltean an làthair aig an tachartas, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Àrd-sgoil Greenfaulds ann an Comar nan Allt agus Acadamaidh Grange ann an Cille Mheàrnaig. Chòrd e ris na sgoilearan a bhith ag èisteachd ri luchd-obrach a' BhBC mun eòlas-obrach aca, gu h-àraid Megan NicGillFhaolain, a fhuair a ciad chothrom air an sgrion le FilmG. Thuirt Megan:

'Bha mise den bheachd nach robh mi ach ri cleasachd ann am film beag sgoile, ach an uair sin chaidh a' chleasachd agam ainmeachadh air a' gheàrr-liosta agus ghlèidh mi an duais aig ciad chuirm duaisean FilmG air ais ann an 2009. Nuair a bha mi a' cur crìoch air mo chùrsa oilthigh nochd cothrom obrach le Dè-a-nis? agus cha b' e ruith ach leum a rinn mi don agallamh. 'S fìor thoigh leam cho measgaichte 's a tha m' obair-sa, uaireannan bidh mi san oifis agus uaireannan eile bidh mi a-muigh a' filmadh rudan sgoinneil, spòrsail!'

Tha FilmG fosgailte a-nis gu Diciadain 16 An Dùbhlachd  agus feumaidh gach film a bhith ann an Gàidhlig na h-Alba agus nas giorra na còig mionaidean (roinn na h-òigridh) agus 10 mionaidean (roinnean fosgailte is coimhearsnachd). Faodar filmichean nam bliadhnaichean roimhe fhaicinn air-loidhne aig http://www.filmg.co.uk. Nam bu mhath leat film a dhèanamh agus barrachd fiosrachaidh fhaighinn mun cho-fharpais, nach cuir thu fios don sgioba.