Naidheachdan

Ceann-là FilmG air Fàire - Sia Seachdainnean Ri Dhol


Chan eil ach sia seachdainean ri dhol gu ceann-latha deireadh co-fharpais FilmG, ach tha ùine gu leòr ann airson film a dhèanamh.

A chionn 's gu bheil duaisean ùra gan cur ris a' cho-fharpais, tha sinn an dùil ri barrachd fhilmichean fhaighinn am-bliadhna na fhuair roimhe, a leithid duais airson Film Fòn-làimhe As Fheàrr agus Sgriobt As Fheàrr anns an roinn Òigridh, cho math ri Film Fòn-làimhe As Fheàrr, Sgriobt As Fheàrr, Dealbh-beò As Fheàrr agus Comadaidh As Fheàrr anns an roinn Fhosgailte.

Tha luchd eagrachaidh na co-fharpais airson 's gun dèan barrachd dhaoine, gu h-àraid deugairean, filmichean air na fònaichean-làimhe aca airson barrachd susbaint Gàidhlig a chruthachadh. Thuirt Manaidsear Pròiseict FilmG, Flòraidh Forrest:

"Bidh barrachd dhaoine a' cur fònaichean-làimhe gu feum airson dealbhan is bhideothan a thogail is an cur air na meadhanan sòisealta a h-uile latha a-nis agus tha sinn fhìn airson 's gun cruthaich deugairean gu h-àraid susbaint dhidseatach anns a' Ghàidhlig. Feumaidh sinn a bhith ag obair còmhla ris a' ghinealach òg seo le bhith a' cleachdadh an uidheim a bhios iad fhèin a' cleachdadh agus tha sinn an dòchas gum bi an duais luach £500 gu leòr airson an t-amas sin a thoirt gu buil!"

Tha an duais airson sgriobt as fheàrr na ceum cudromach ùr ann an co-fharpais na bliadhna. Tha MG ALBA airson ginealach ùr de sgrìobhadairean a bhrosnachadh agus tha FilmG na dhòigh iomchaidh airson seo a choileanadh. Thuirt Stiùiriche Leasachaidh is Co-bhanntachdan aig MG ALBA, Iseabail Nic an t-Sagairt:

"Tha sgrìobhadh aig teis-meadhan obair prògraim sam bith a tha math agus feumaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil sinn a' lorg agus a' leasachadh tàlant sgrìobhaidh ùr airson craoladh Gàidhlig a dhìon airson an àm ri teachd. Tha sinn a' sireadh sgilean cruthachail, sgeulachdan math agus luchd film a tha cho innleachdach 's a ghabhas."

Airson pàirt a ghabhail sa cho-fharpais, feumaidh tu sgriobt nas lugha na deich mionaidean a dh'fhaid a sgrìobhadh no film Gàidhlig a dhèanamh, eadar mionaid is còig mionaidean a dh'fhaid san roinn Òigridh agus eadar mionaid is deich mionaidean san roinn fhosgailte. 'S e 16 Dùbhlachd 2015 ceann-latha na co-fharpais agus faodaidh tu an cur a-steach an seo. Ma tha beachd a dhìth ort fhathast, chì thu a h-uile film a chaidh a dhèanamh sna co-fharpaisean roimhe air duilleag nam filmichean