Naidheachdan

FilmG a' cur co-fharpais Filmichean Coimhearsnachd air bhog aig Ceòlas

Bha sinn aig Ceòlas, an fhèis ciùil is dannsa ann an Uibhist a Deas, Didòmhnaich 5 An t-Iuchar, airson a' cho-fharpais filmichean coimhearsnachd a chur air bhog. 

Bidh sinn a' tairgsinn duais airson Film Coimhearsnachd as Fheàrr a h-uile bliadhna agus am-bliadhna gabhar ri filmichean le buidhnean coimhearsnachd no daoine fa leth ma tha am film stèidhichte air sealladh sònraichte de bheatha sa choimhearsnachd. Thèid an duais de £1000 a thoirt don choimhearsnachd a ghlèidheas airson a cleachdadh an lùib tachartais no airson uidheam film no deasachaidh a cheannach.

Fhuair FilmG cothrom dà fhilm aithriseach a thaisbeanadh aig cuirm fhosglaidh Cheòlas aig an robh ceangal làidir leis an Eilean. B' e 'Dhèanainn Sùgradh ris an Nighean Dubh' a' chiad fhear le Fearghas Walker à Camas Chros anns an Eilean Sgitheanach. Tha sgeul àlainn ann mu bhalach à Griomasaigh a rinn fasgadh dha fhèin den eathair aig athair. An uair sin, chaidh 'Beatha a' Bhàird' le Seonag NicAnndrais à Uibhist a Tuath is Inbhir Nis a thaisbeanadh anns an robh sgeul seanair Sheonag à Grèineatobht a bha na bhàrd baile agus a sgrìobh grunn òrain is dàn grinn.

Chuir Manaidsear Pròiseict FilmG, Flòraidh Forrest, fàilte air a' chothrom seo airson na filmichean a shealltainn dha luchd-amhairc ùr:

"Tha sinn air filmichean uabhasach math fhaighinn thar nam bliadhnaichean agus tha e cudromach gu bheil cothrom againn an taisbeanadh aig an fhèis seo a tha a' toirt muinntir na coimhearsnachd gu lèir còmhla. Tha sinn an dòchas gun cuir barrachd dhaoine ann an àiteachan a leithid Uibhist, aig a bheil beairteas sgeulachdan airson fhilmichean aithriseach no dràma, filmichean thugainn. Agus fiù 's nach eil thu air cliù Stephen Spielberg a chosnadh fhathast, 's math as fhiach e film a dhèanamh, cho fad 's a tha sgeul math agus Gàidhlig gu leòr ann."

Tha Oifigear Gàidhlig Cheòlas, Liam Crouse, airson a dhol an sàs ann an co-fharpais na bliadhna sa:

"Tha FilmG air brosnachadh mòr a thoirt do dhaoine ann an coimhearsnachdan a leithid Uibhist airson filmichean goirid mar a chunnaic sinn a-nochd a dhèanamh. Tha cothrom againn beatha sa choimhearsnachd san latha an-diugh a chlàradh agus tha sinn a' dèanamh fadachd ri obrachadh air film sa choimhearsnachd seo anns na mìosan ri tighinn."

Faodar filmichean a chur a-steach gu FilmG a-nis gu Diciadain 16 Dùbhlachd agus 's e 'Cliù' cuspair na bliadhna sa. Feumar a h-uile film a dhèanamh sa Ghàidhlig agus feumaidh iad a bhith nas giorra na còig mionaidean (òigridh) no deich mionaidean (fosgailte agus coimhearsnachd). Nam bu mhath leat film a dhèanamh no barrachd fios fhaighinn mun cho-fharpais, cuir fios thugainn