Naidheachdan

Filmichean gan taisbeanadh air feadh na Gàidhealtachd

Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair cuide ri Fèis Bhlas am-bliadhna a-rithist gus filmichean dhaoine a thoirt gu aire an t-sluaigh.

Thòisich cùisean air oidhche Haoine, aig cuirm le Session A9 aig Sabhal Mòr Ostaig. Chaidh fàilte a chur air an luchd-amhairc le Siùbhlachan le Ùisdean Moireach, dràma stèidhichte ann an Uibhist a-Tuath, agus an-dèidh sin chaidh film le Dannsairean an Eilein Sgitheanaich a chluich – abair gun do dh’fhàg sin daoine ann an sùnnd airson a’ chòrr dhen oidhche.

 

Oidhche Shathairne a dh’fhalbh, a’ 5mh, bha Niteworks, Shooglenifty agus Hò-Rò a’ cluich ann an Inbhir Nis. Shaoil sinn gum biodh e iomchaidh dhan luchd-amhairc fear de rionnagan Hò-Rò, Crìsdean Dòmhnallach, fhaicinn ri cur seachad eile ann an Crìsdean Cunnartach – oidhirp Chrìsdean air ‘The Ridge’ le Danny MacAsgaill!

 

Chaidh Dòchas, film aithriseach le Àrd-sgoil Greenfaulds a shealltainn aig taisbeanadh an ‘Highland Youth Arts Hub’ air oidhche na Sàbaid, agus aig deireadh na seachdain, air an 12mh, thèid film mu dheidhinn tè a bha fuireach san sgìre fad iomadh bliadhna a shealltainn aig Àros ron chuirm aig Alan Kelly.

Tha sinn an dòchas gun còrd na filmichean ri daoine agus gun tadhail iad air an làrach, no an t-sianail YouTube againn airson barrachd fhilmichean fhaicinn!