Naidheachdan

Duais Roghainn an t-Sluaigh

Tha farpais Roghainn an t-Sluaigh a’ tighinn gu crìoch an ceann dà latha agus tha bhòtadh cho faisg ’s a bha riamh roimhe– aig toiseach na seachdain bha dà fhilm co-ionnan sa chiad àite. Faodaidh sibh taic a chur ris am film as fheàrr leibh turas san latha, agus feuch gun cuir sibh gu feum na meadhanan-sòisealta cuideachd son iarraidh air na caraidean agaibh bhòtadh.

Ged a tha cùisean ag atharrachadh fad an t-siubhal, ’s iad na deich filmichean as fheàrr le daoine an-dràsta:

Cuideigin Ciallach

Seachdain gun Seòladh

Droch Shìde

An Stoirm

Tuiteam à Gràs

Nise, chan eil càil ri ràdh nach atharraich seo agus gun ach aon bhòt eadar a’ chiad agus an dàrna àite an-dràsta. Feuch gun cùm sibh oirbh!