Naidheachdan

Clàr-ama nam bùithtean-obrach a’ sìor-fhàs trang!

Tha sgioba FilmG air a bhith trang thar nam beagan sheachdainean a dh’fhalbh, a’ bruidhinn ri tidsearan ann an sgoiltean air feadh na dùthcha mu dheidhinn an fharpais agus a’ cur air dòigh bùithtean-obrach filmidh sna sgoiltean sna mìosan a tha romhainn.

Tha sinn a’ tabhann bùth-obrach do thidsearan agus do sgoiltean nach do ghabh pàirt ann am FilmG roimhe far am faigh iad taic a thaobh a bhith ag obair air sgeulachd agus a’ sgrìobhadh an sgriobt aca. Tha goireasan eile air-loidhne do dhaoine a tha gabhail pàirt san fharpais gu cunbhalach, bhideothan-teagaisg is leasanan a’ dol thairis air gach ceum bho bhith tighinn suas le beachd gu bhith sgrìobhadh an sgriobt gu bhith ag ullachadh airson an latha filmidh fhèin.

Bha sinn airson ’s gum biodh beagan spòrs an lùib postairean na bliadhna-sa agus mar sin tha sinn air Augmented Reality a chur gu feum – cha leig thu leas ach Layar fhaighinn air am fòn agad airson na caractaran fhaicinn a’ tighinn beò! Seall am bhideo son blasad fhaighinn.

 

Tha sinn cuideachd ag iarraidh air tidsearan smaoineachadh air cuin a bhiodh freagarrach dhaibhsan airson clàradh is gearradh. Mairidh na bùithtean-obrach latha am fear. Thèid am film a chlàradh air a’ chiad latha agus a ghearradh air an dàrna latha. Chan fhada gum bi àiteachan air an glèidheadh ge-tà, mar sin tha sinn ag iarraidh air tidsearan fios a leigeil thugainn gus àite a ghlèidheadh cho luath ’s a ghabhas.  

Cuimhnich gu bheil atharrachadh no dhà ann am-bliadhna:

  • Faodaidh filmichean na h-òigridh a bhith eadar 1 is 5 mionaidean a dh’fhaid
  • Tha duais ann airson an sgriobt as fheàrr – feuch gun cuir sibh thugainn sgriobtaichean air an sgrìobhadh
  • Tha duais ùr ann am-bliadhna son am Film Fòn-làimhe as Fheàrr
  • Chan eil duais Bhideo Ciùil as Fheàrr ann

Ma tha thusa nad thidsear, no ag obair le buidhnean òigridh agus ùidh agad san fharpais, feuch gun cuir thu brath thugainn.