Naidheachdan

Luchd-film òg ri filmichean fòn-làimhe FilmG

Chaidh 79 filmichean a chur don cho-fharpais uile gu lèir, agus 55 dhiubh sin, an àireamh as àirde a-riamh, ann an roinn na h-òigridh, agus 24 dhiubh san roinn fhosgailte.

Chithear a h-uile film air-loidhne a-nis agus faodar bhòtadh airson an fhilm as fheàrr leat gu ruige 10 Gearran – an t-seachdain ron chuirm dhuaisean spaideil an Glaschu.

Tha caochladh fhilmichean inntinneach is innleachdach ann mar as àbhaist le buidhnean sgoile, is iad stèidhichte air a' chuspair 'Cliù'. Tha filmichean ait is èibhinn ann a leithid 'Turas Dhòmhnaill Bhramaig' le Àrd-sgoil Loch Abar, anns a bheil Dòmhnall Trump air tilleadh don Ghàidhealtachd (gu mì-shoirbheachail) airson a shinnsearan a lorg. Chaidh car eile a dhèanamh de 'Chliù' anns an fhilm 'A' Chlach 's a' Chraobh Chliùiteach' le Acadamaidh Inbhir Pheofharain, anns a bheil gille òg air clach ainmeil Choinnich Odhair a lorg, a bheir fàisneachd don duine leis a bheil i agus a thoirt a-null a shaoghal eile.


Ruairidh MacCormaig à Acadamaidh Inbhir Pheofharain ri fiosachd agus Clach Choinnich Odhair na làimh.

Chaidh filmichean a dhèanamh le fònaichean-làimhe ann an roinn na h-òigridh airson a' chiad turais. Bha am film eucoireach 'An Sireadh' nam measg, a chaidh sgrìobhadh is stiùireadh le Ross MacCoinnich à Slèite san Eilean Sgitheanach a tha na chleasaiche san fhilm cuideachd. Chaidh aithris phearsanta chumhachdach a dhèanamh air fòn-làimhe cuideachd le Caitlin NicAoidh às Àrd-sgoil Greenfaulds, a tha air a saoghal a chlàradh fhad 's a tha i a' fulaing burraidheachd san sgoil.


Ross MacCoinnich à Slèite na eucoireach agus na phoileasman is e a' cur sgrìon roinnte gu feum ann am film air fòn-làimhe a sgrìobh e, a stiùirich e agus anns an robh e na chleasaiche.

Am measg nam filmichean comadaidh anns an roinn nan Inbheach, tha sgeul èibhinn air an t-slighe aiseig eadar Malaig is Uibhist, 'Seachdain gun Seòladh' leis a' chòmhlan-ciùil ‘The League of Highland Gentlemen’. Anns an fhilm, tha am bàta Loch Never a' seòladh eadar Sràid Mhalaig agus Sràid Uibhist ann an Glaschu ach air sgàth iomadh adhbhar cha bhi e uair sam bith a' ruigsinn a chinn-uidhe. Anns an aon roinn tha am film ‘A-mach às mo Rathad’ le Darren MacIllEathain anns a bheil rionnag pop mas fhìor beò an dòchas gun coisinn e cliù dha fhèin. Tha òran èibhinn, lurach ri chluinntinn san fhilm!


Tha an Loch Never a' fàgail Sràid Mhalaig air turas mì-shealbhach eile a Shràid Uibhist anns a' chomadaidh 'Seachdain gun Seòladh' le The League of Highland Gentlemen.


Tha Derek (Darren MacIllEathain às an Eilean Sgitheanach) a' gabhail òrain lurach ùr ‘Mach Às mo Rathad’ anns a' chomadaidh a sgrìobh is a stiùirich e fhèin.

Tha Iseabail Nic an t-Sagairt a tha a' stiùireadh a' phròiseict às leth MG ALBA làn-thoilichte le co-fharpais na bliadhna sa, "Tha e na thlachd mhòr dhuinn an luchd film agus filmichean na bliadhna fhaicinn a' tighinn am follais. Tha e soilleir gu bheil dòchas anns an tàlant ùr a tha a' nochdadh, gu h-àraid ann an Co-fharpais na h-Òigridh. Tha a leithid a bhrosnachadh deatamach airson na Gàidhlig agus tha sinn fìor thoilichte gu bheil FilmG ag uidheamachadh agus a' piobrachadh nan daoine òga."

Thèid geàrr-liostaichean nam britheamhan ainmeachadh ann am meadhan an Fhaoillich agus thèid an fheadhainn a ghlèidheas a ghairm aig cuirm nan duaisean, Dihaoine 19 Gearran, ann an Glaschu.