Naidheachdan

Film le Rionnag FilmG ga Reic air Feadh an t-Saoghail

Tha am film eachdraidheil ‘The Gaelic King’ a chaidh a chlàradh an Alba a-nise ga reic air feadh an t-saoghail, agus ri fhaighinn san Rìoghachd Aonaichte an-diugh (10 Iuchar 2017). Chaidh am film a dhèanamh le còignear bhràithrean bho dà theaghlach, nam measg tha Philip Todd a ghlèidh Duais FilmG airson am Bhideo Ciùil a b’ Fheàrr ann an 2014 le sealladh àlainn air dreach Chairistìona Stone de dh’ Alleluia , agus a-rithist ann an 2015 còmhla ri Dannsairean an Eilein Sgitheanaich le ‘Siuthad a Sheònaid.’ 

Chaidh gach aon de 90 mionaidean an fhilm a chlàradh an Alba, agus cuid de sheallaidhean fiù ’s ann an gàrradh am pàrantan ann an Sruighlea. Tha am film a-nise gu bhith ri cheannach san RA, an Èirinn, an Ameireaga a Tuath, Sìona, Iapan, san Ear Mheadhanach, agus gu leòr àiteachan eile. 

Tha na bràithrean, Philip, Nathan agus Matthew Todd agus an co-oghaichean, Tom is John Walkinshaw, air trì bliadhna a chur seachad ag obair air a’ phròiseact. Thàinig an còignear aca còmhla gus companaidh riochdachaidh air a bheil Fellowship Film a stèidheachadh, 's gun aca ach glè bheag de dh’airgead airson cùisean a chur gu dol. Bha iad an urra ri crowdfunding agus airgead a fhuair iad air iasad bhon càirdean airson an rud a bha san amharc aca a thoirt gu buil. 

Tha gu leòr de chleasaichean an fhilm – a tha air am far-ainm “budget Braveheart” a choisinn agus a tha lethach slighe eadar sin agus Game of Thrones a-rèir an sgioba riochdachaidh -  nan luchd-tòiseachaidh, clann nam measg, ‘S ann sna linntean dorcha, fo bhuaidh chogaidh, a tha an sgeulachd a’ gabhail àite agus an Rìgh Albannach Alpin MacEachdach na theis mheadhan. Tha e siubhal an fheadhainn a tha air a bhràthair beag a ghoid, tro choille dhorcha far a bheil droch nithean a’ falach. Tha earrann uabhasach cudromach den fhilm air a stèidheachadh ann an seann bhaile a chaidh a thogail leis a’ chriutha agus muinntir na coimhearsnachd faisg air dachaigh an teaghlaich, ann an Airth, Siorrachd Shruighlea.  

‘S e ministear a th’ann an athair Philip, Nathan is Matthew, agus chuir iad fàilte bhlàth air a h-uile duine a bha ag obair air an fhilm, ged a bha gu leòr dhuibh air an sgeadachadh mar Chruithnich is mar uilebheistean! “Film a tha seo a chaidh a dhèanamh an Alba, le Albannaich agus tha sinn cho moiteil ‘s a ghabhas,” arsa Mathew Todd a bha na sgrìobhadair agus na riochdaire cuide ri bhràthair. “Cha robh e soirbh idir am film a dhèanamh, rinn sinn leinn fhìn e, agus mar sin tha sinn an dòchas gun còrd e ri daoine.”  Chòrd ri muinntir Cannes co-dhiù, nuair a thug na gillean an casan leotha dhan Fhèis Fhilm an sin an-uiridh airson companaidh a bheireadh taic leotha ga sgaoileadh a lorg. Chòrd agus ri luchd-amharc nuair a chaidh a thaisbeanadh aig tachartas ‘Works in Progress’ Fèis Filmichean Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann.  

Thuirt Philip Todd a bha na stiùiriche air an fhilm, a tha air duaisean a bhuanachadh aig FilmG agus fèisean eile, agus a tha airson Alba air aithneachadh air feadh an t-saoghail mar àite far an tèid filmichean sònraichte a chruthachadh; “Tharraing sinne còrr is 200 neach còmhla – agus ‘s e cho cruthachail, tàlantach, agus dìoghrasach ’s a bha an sgioba againn a tha air ar cuideachadh a’ ruigsinn na h-ìre seo. ‘S e pròiseact air leth a tha seo, Film Albannach.” 

Tha e na adhbhar misneachd dhuinn aig FilmG a bhith faicinn cuideigin eile a ghabh pàirt a’ leantainn orra gu obair inntinneach a tha còrdadh riutha. Tha sinn a’ gabhail fadachd am film fhaicinn, agus dh’iarradh sinn oirbhse an lethbhreac agaibh fhèin fhaghinn, ma tha sibh airson fhaicinn, is sùil a chumail a-mach airson na naidheachdan as ùire bho Fellowship Film cuideachd!