Naidheachdan

Geàrr-liosta FilmG Ga Fhoillseachadh

Tha FilmG air geàrr-liosta na bliadhna fhoillseachadh agus luchd-film ùr, sgoiltean is buidhnean coimhearsnachd às a h-uile ceàrnaidh de dh'Alba a' nochdadh air an liosta.

Thug cuspair na bliadhna sa, 'Strì', brosnachadh dhan luchd-film a rinn barrachd fhilmichean na rinneadh roimhe – ag adhbharachadh dùbhlain nas dorra dha na britheamhan.

'S e luchd proifeiseanta a' ghnìomhachais a leithid riochdairean, stiùirichean is sgrìobhadairean a th' air pannal nam britheamhan cho math ri sàr luchd-aithris spòrs agus duais ùr ann am-bliadhna airson Aithris Spòrs As Fheàrr. Thuirt Donnchadh MacDhòmhnaill, Stiùiriche is Riochdaire Deasachaidh aig BeesNees Media, a th' air a' phannal am-bliadhna:

"Tha e fìor mhath an uiread de luchd-film sean is òg an sàs ann an co-fharpais na bliadhna seo. Tha taghadh farsaing de dh'fhilmichean is mìneachaidhean fa leth air a' chuspair ann. Tha cuid dhiubh air thoiseach air filmichean eile, agus 's iad an fheadhainn anns a bheul sgeul is sealladh soilleir a tha a' nochdadh air an liosta. A dh'aindeoin cho cudromach 's a tha na sgilean teicnigeach – 's e anam is cridhe a tha follaiseach anns an obair as fheàrr." 

Fhuaireadh 56 filmichean ann an roinn òigridh na co-fharpais. Tha e fìor bhrosnachail gun d' fhuaireadh an àireamh as àirde a-riamh san roinn seo agus gun robh raon farsaing de sgoiltean, a leithid Sgoil Lìonacleit, Àrd-sgoil a' Phluic, Acadamaidh Allt a' Mhuilinn is Sgoil Sheumais Gillespie am measg na nochd air a' gheàrr-liosta.

Leis gun robh FilmG na bliadhna co-fharpaiseil, tha e uabhasach tlachdmhor gu bheil sgoiltean a leithid Àrd-sgoil Calderglen, a th' air film a chur ann airson a' chiad uair, a' nochdadh air a' gheàrr-liosta airson Film As Fheàrr. Tha an dràma tiamhaidh le Àrd-sgoil Gheàrrloch, 'Briste', air a' ghèarr-liosta is e stèidhichte air a' bhuaidh chràidhtich a tha tinneas a' toirt air teaghlach. Ghlac am film seo aire nam britheamhan anns an roinn seo agus cuideachd anns an roinn Sgriobt As Fheàrr.

Tha an roinn Neach-film Òg As Fheàrr mar shamhla air farsaingeachd tàlant òg na co-fharpais seo agus luchd-film aithriseach a leithid Eòin Cuimeanach a' nochdadh ann leis an fhilm aithriseach air rothaireachd 'Strì Ris a’ Chiad Chloich', cho math ri beòthadairean òga cruthachail a leithid Ruairidh MacAlasdair a choisinn àite air a' gheàrr-liosta airson a' bheò-dheilbh annasaich, Falach-fead.

Chaidh filmichean iongantach ainmeachadh san Roinn Fhosgailte, anns a bheil filmichean le luchd-film ùr nas sine na seachd bliadhna deug cho math ri buidhnean coimhearsnachd.

Tha am film drùidhteach 'A' Tuiteam' le Jessie Ann NicDhòmhnaill is Paul Steele a' nochdadh air an liosta airson Film Aithriseach As Fheàrr agus e a' toirt sealladh don luchd-amhairc air beatha Jessie agus i a' strì leis an tinneas-thuiteamach. Tha 'Taobh Eile Duilghe' leis an neach-film ùr, Kerr Gibb, ri fhaicinn air a' gheàrr-liosta seo agus e a' sealltainn cruaidh-chàs 1.5 millean fògarraich Shiridheach a tha a' fuireach ann an Leabanon.

Chaidh dùbhlan mòr a chur ro na britheamhan anns an roinn Comadaidh As Fheàrr leis na bh' ann de dh'fhilmichean fìor mhath. Ach chaidh ‘Girls, Strì agus Macaroni’ le Iain MacUilleim a thaghadh sna ceithir mu dheireadh is am pannal fìor dhèidheil air na bha dol aig an rapair Ally C is a chompanach Calum Kan-y-e. 'S dòcha gu bheil cuid a luchd-amhairc BBC ALBA air am film èibhinn le oileanaich Sabhal Mòr Ostaig fhaicinn cheana, ‘Cheating Our Language’, a th' air liosta Comadaidh As Fheàrr.

Bha cuid de na roinnean uabhasach farpaiseach am-bliadhna, agus Comadaidh As Fheàrr nam measg, agus cha robh an t-uabhas eadar an fheadhainn a choisinn àite is an fheadhainn nach do shoirbhich. Bha an dearbh dhùbhlan aig na britheamhan airson geàrr-liosta na duais ùir ainmeachadh, Aithris Spòrs As Fheàrr san Roinn Òigridh. Tha nàdar de cho-ionnanachd ann agus dithis bhalach, Calum MacMhaoilein agus Jack MacDhòmhnaill ann cuide ri dithis nigheanan, Kate Bradley agus Cairistìona NicDhòmhnaill. Thuirt sàr neach-aithris spòrs agus britheamh FilmG, Derek Moireach:

"Thug e toileachas agus brosnachadh mòr dhomhsa an uiread a dhaoine òga fhaicinn is iad a' cur fhilmichean dhan cho-fharpais. Bha pailteas aithrisean tarraingeach agus fiosrach ann a bhiodh math gu leòr airson a chraoladh air BBC Radio Nan Gàidheal no BBC Alba. 'S e urram a bhiodh ann nam faighinn cothrom obrachadh còmhla ri duine sam bith aca agus cò aig a tha fios, 's dòcha gum faigh mi an cothrom sin fhathast."  

Tha na geàrr-liostaichean gu lèir rim faicinn air làrach-lìn Film G, far am faicear a h-uile film ann an co-fharpais na bliadhna sa cuideachd. Thèid na duaisean a ghairm aig cuirm mhòr FilmG aig an Old Fruitmarket ann an Glaschu, Dihaoine 17 Gearran. Cumaibh sùil air na meadhanan-sòisealta airson fios mu thiocaidean.