Naidheachdan

3 Seachdainean Eile!

Le naoi film deug sgoile air an dèanamh, agus cuid dheth na h-inbhich deiseil, tha ceann-là FilmG air fàire. Tha sinn airson ‘s gum bi filmichean na bliadhna sa a cheart cho math ris an taghadh sgoinneil a bh’ againn an-uiridh agus mar sin tha farsaingeachd de dhuaisean againn nach robh againn riamh roimhe.

Tha duaisean Roinn na h-Òigridh fosgailte do chlasaichean àrd-sgoil agus do dheugairean a nì oidhirp sònraichte film a dhèanamh leotha fhèin:

  • Film as Fhearr = £1000
  • Duais Ghàidhlig FilmG (do dh’fhileantaich) = £500
  • Duais Ghàidhlig FilmG (do luchd-ionnsachaidh) = £500
  • Filmeadair Òg as Fheàrr= £500
  • Dealbh-beò as Fheàrr = £200
  • Film Fòn-làimhe as Fheàrr = £200
  • Cluiche as Fheàrr = £200
  • Sgriobt as Fheàrr = greis-obrach cuide ris an sgioba sgrìobhaidh air dràma Albannach

An cois duaisean àibheiseach mar seo, tha Duais Roghainn an t-Sluaigh fosgailte do dh’Inbhich agus do dh’Òigridh agus ’s iad luchd-amhairc is luchd-bhòtaidh a bhios a’ taghadh am buanaiche.

Tha farsaingeachd de dhuaisean ann do dh’inbhich a bharrachd air sin cuideachd:

  • Film Aithriseach as Fheàrr = work experience at a production company, supported by HIE
  • Dràma as Fheàrr = greis-obrach aig companaidh riochdachaidh
  • Film Coimhearsnachd as Fheàrr = £1000
  • Comadaidh as Fheàrr = £1000
  • Dealbh-beò as Fheàrr = £1000
  • Film Fòn-làimhe as Fheàrr = £500
  • Cluiche as Fheàrr = £200                                                   
  • Sgriobt as Fheàrr = greis-obrach ag obair còmhla ri sgrìobhadairean air dràma Albannach

*duaisean rin cosg air uidheamachd, trèanadh no tachartas iomchaidh