Naidheachdan

4 seachdainean eile agaibh film a dhèanamh!

Tha fios againn gu bheil cuid agaibh fhathast gun tòiseachadh, agus gu dearbh cha robh cion-ùine na dhuilgheadas dhan fheadhainn a ghlèidh duaisean an-uiridh.

Ged a tha sgoilearan fad is farsaing air a bhith ag obair air filmichean mar phàirt de bhùithtean-obrach FilmG, bu mhath leinne filmeadairean òga fhaicinn a’ cur an cuid sgilean gu feum anns na filmichean aca fhèin cuideachd. Tha duaisean againn a leithid Dealbh-beò as Fheàrr, Film Fòn-Làimhe as Fheàrr is Filmeadair  Òg a tha sinn an dòchas a bheir brosnachadh dhaibh sin.

Tha sinn cuideachd airson togail air soirbheas na bliadhn’ uiridh agus an strì a bh’ ann eadar diofar dhaoine airson duaisean mòra son Comadaidh, Dràma, Dealbh-beò agus Aithriseachd.

Mura h-eil mòran ùine agad san beagan sheachdainean a tha romhainn, cuimhnich gun tèid agaibh air Film fòn-làimhe ann an ùine glè ghoirid agus nach toir e cus ùine sgriobt a sgrìobhadh cho fad ‘s a tha pailteas tì agad!

Ma tha beachd agad, ach thu feumach air beagan comhairle mus dèan thu toiseach tòiseachaidh, cuir post-d thugainn no cuir fòn chun an oifis air 01471888505!