Naidheachdan

An Sgioba air an Dòigh

Feumar a ràdh gur e seo fear dhe na h-amannan as fheàrr dhen cho-fharpais do sgioba FilmG – a bhith coimhead na filmichean àibheiseach agaibhse mus tèid iad a-mach air an eadar-lìon!

Tha deagh mheasgachadh againn am-bliadhna de dhibhearsain, de dhràma agus de dh’ fhilmichean aithriseach - agus dealbhan-beò sgoinneil cuideachd. Chan eil na lathaichean fada a’ dol seachad agus uiread de dh’ fhilmichean sgoinneil againn ri choimhead!

Cùm cluais ri claisneachd airson naidheachdan ùra!