Naidheachdan

FilmG agus rionnag nam meadhanan sòisealta a’ dèanamh air Beinn nam Fadhla

Tha Calum MacIlleathain, rionnag BBC The Social, gu bhith cuide ri sgioba FilmG aig Fèis Eilean Dorcha air an deireadh-sheachdain. Bidh e a’ toirt seachad comhairle do luchd-tadhail air mar a nì iad fhèin film.

Tha Calum fhèin cleachdte gu leòr ri bhith an dà chuid air beulaibh a’ chamara agus ri obair teicnigeach agus e ag obair na neach-naidheachd agus a’ dèanamh vlogs dha BBC The Social – fear dhiubh sin a chaidh a chluich millean gu leth triop air Facebook!

Feuch gun tadhail sibh oirnn ann an teanta nam filmichean – far am bi UistFilm ag obair air pròiseact inntinneach còmhla ri buidheann de dhaoine òga - airson comhairle Chaluim fhaighinn, air no son filmichean àibheiseach bho bhliadhnaichean a dh’fhalbh fhaicinn. Bidh aodainn Uibhisteach gu leòr rim faicinn air an sgrìon!