Naidheachdan

Top 3

Cuimhnich gu bheil bhòtadh airson Duais Roghainn an t-Sluaigh a’ dùnadh air Dihaoine, 3 Gearran.

Tha còrr is 5800 bhòt againn agus 's e chòrdadh rinn 6000 fhaighinn am-bliadhna - siuthaidibh, agus cuiribh taic ris am film as fheàrr leibh aon turas eile!

‘S iad Caledonian Mac a’ Bhruthainn a tha cur taic ri duais na bliadhna agus tha sgiobaidhean Sgitheanach is Uibhisteach am measg an fheadhainn a tha dèanamh gu math a thaobh bhòtaichean dhaoine.

Seo agaibh na 3 filmichean a tha air thoiseach, an-dràsta:

Cluasan anns Gach Ceàrn, le Eòghan Dòmhnallach

Gàidheal gu Luath, le Alannah Pheutan

Latha Spòrs, Le Kirsty Scott & Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis