Naidheachdan

Filmichean Gàidhlig gan taisbeanadh aig Fèis Fhilmichean Goirid Ghlaschu

Thèid na filmichean as fheàrr bhon deich bliadhna a dh'fhalbh a thaisbeanadh aig an CCA ann an Glaschu aig 1.15 Disathairne 17 Màrt mar phàirt de dh'Fhèis Fhilmichean Goirid Ghlaschu.

Bidh an fhèis, an fhèis fhilmichean goirid as motha ann an Alba, a' brosnachadh tàlant ùr gach bliadhna agus luchd film Albannach is eadar-nàiseanta a' taisbeanadh an cuid obrach ann. 'S e seo a' chiad bhliadhna a bhios filmichean Gàidhlig a shoirbhich ann an FilmG gan taisbeanadh.

Thèid filmichean bho na deich bliadhna a dh'fhalbh a thaisbeanadh, leithid 'Siubhlachan' le Ùisdean Moireach a choisinn duaisean eadar-nàiseanta, agus a bha ga thaisbeanadh aig fèisean film san Eilbheis, san Tuirc agus fiù 's ann an Coirèa a Deas.

Tha am film 'Mar a Thachair do dh'Fhear a Sguir a Dhol dhan Eaglais' le Iain Murchadh MacAmhlaigh a ghlèidh an duais Stiùiriche as Fheàrr sa Ghnìomhachas aig duaisean FilmG na bliadhna ga thaisbeanadh agus ga chur a-steach do Cho-fharpais nam Filmichean Albannach aig fèis na bliadhna sa.

Bhuannaich am film tiamhaidh seo, mu fhear diadhaidh a tha a' call a chreideimh an dèidh gnìomh brathaidh, an duais 'Dràma As Fheàrr' aig Duaisean FilmG sa Ghearran am bliadhna.

Thuirt Iain Murchadh MacAmhlaigh:

“Tha mi air mo dhòigh glan gun tèid am film as ùire agam a shealltainn dà thuras aig an fhèis. Tha mi fìor thoilichte gu bheil cothrom agam a bhith an sàs sa Cho-fharpais Albannaich oidhche Ardaoin. 'S e cothrom air leth a th' ann airson mo chuid obrach a shealltainn dha barrachd luchd-amhairc."

Thuirt stiùiriche Fhèis Fhilmichean Goirid Ghlaschu Matt Lloyd:

"Tha FilmG air a bhith a' brosnachadh luchd-film Gàidhlig ùr fad deich bliadhna a-nis. Tha buaidh mhòr aig an obair riatanaich seo a tha a' cruthachadh coimhearsnachd film Gàidhlig a bhios a' sìor-dhol am meud a thaobh àireamhan agus misneachd a h-uile bliadhna.

"Tha an taghadh seo de dh'fhilmichean a' riochdachadh iomadachd nan sgeulachdan is nan seòrsaichean thar deich bliadhna de FilmG.

"Tha sinn fìor thoilichte a bhith a' cur na saothrach seo an lùib a' phrògraim againn agus gu bheil am film 'Mar a Thachair do dh'Fhear a Sguir a Dhol dhan Eaglais' le Iain Murchadh MacAmhlaigh anns a' cho-fharpais Albannaich agus gum bi 'Obair Là' le Jenny Fhoirbeis ga thaisbeanadh air oidhche fhosglaidh na fèise."

Bidh Ùisdean Moireach agus Iain Murchadh MacAmhlaigh an sàs ann an còmhradh dà-chànanach an dèidh an taisbeanaidh Disathairne cuide ris an luchd-film Dòmhnall Eòghainn MacFhionghain agus Elly Welch.

Tha ticeadan airson a h-uile tachartas ri fhaighinn air làrach-lìn na Fèise.