Naidheachdan

Oidhche Shamhna, cnothan calltainn is filmichean èibhinn!

Tha sinn làn chinnt gu bheil spòrs is fealla-dhà gu leòr romhaibh a-nochd. ‘S e bhiodh math spòrs na Samhna fhaicinn! 

Gu bhith air do sgeadachadh agus a’ dol a-mach còmhla ri caraidean a-nochd? Dèan film beag mu dheidhinn air am fòn-làimhe agad! Innis dhuinn dè seòrsa oidhche a th’ ann, dè an seòrsa maise-gnùis eagallach a th’ ort, no cò na creutairean eagallach eile ris an do thachair thu…

Ma tha thu gu bhith nad charactar ainmeil, carson nach dèan thu film mun deidhinn san? Leig ort gur e rionnag ainmeil a th’annad a’ tachairt ri muinntir an àite!

Ma tha dùil agad sgriobt eagallach a’ sgrìobhadh, cùm cluais ri claisneachd agus sùil a-mach a-nochd, is cinnteach gum bi an t-uabhas charactaran inntinneach mun cuairt!