Naidheachdan

Làithean-saora air Fàire

Tha làithean-saora na sgoile agus seachdain a’ Mhòid a’ teannadh oirnn. Tha gu leòr air a bhith dol bho chionn beagan sheachdainean…

Thòisich bùithtean-obrach FilmG am mìos sa le Màiri Rodgers aig Acadamaidh Chùl Lodair agus Donnchadh MacNèill ann an Àrd-sgoil an Òbain a’ toirt taic dhaibh leis na sgriobtaichean aca agus muinntir Dhùn Omhain air filmichean a dhèanamh mu thràth! Bha Màiri agus Donnchadh air am misneachadh gu mòr le tàlant cruthachail nan sgoilear agus na bh’ aca de bheachdan. Ann an Dùn Omhain, fhuair sgoilearan a’ chiad chothrom air Snapchat FilmG a ghabhail thairis airson an latha agus abair gun do chòrd na snaps rinn!

Bha Eilidh bho sgioba FilmG aig an t-Alltan san Aghaidh Mhòr, còmhla ri Katie bho MG ALBA, a' bruidhinn ri tidsearan mu dheidhinn duaisean ùra na bliadhna-sa agus farpais ùr a tha MG ALBA a’ ruith airson Vlogs mun Mhòd Nàiseanta.

Cumaibh cluais ri claisneachd airson naidheachdan a bharrachd bhon Mhòd!