Naidheachdan

Farpais Meme FilmG

Tha sinne a' coimhead airson a' Mheme Gàidhlig as fheàrr agus tha duais sgoinneil againn - stuth a bhios air leth feumail do dhuine sam bith a bhios a' dèanamh filmichean no a' togail dhealbhan air am fòn-làimhe aca! Gheibh ge bìth cò shoirbhicheas tripod, trì lens agus solas.

Chì sibh an uidheamachd gu h-àrd ga chleachdadh le camarathan agus fònaichean-làimhe. Ma tha thusa ag iarraidh fear dhuibh seo a bhuannachadh, cuir na memes Ghàidhlig agad air Facebook, Twitter no Instagram a' cleachdadh @ no #FilmG. Faodaidh sgoiltean Memes a chur thugainn air Post-D.

Mura d' rinn sibh meme a-riamh roimhe, seo agaibh beagan comhairle:

Gabhaidh an dèanamh le Apps air fònaichean-làimhe; a’ cleachdadh duilleag air-loidhne mar https://imgflip.com/memegenerator; no nam biodh sibh ag iarraidh, ghabhadh bathar-bog (software) airson dealbhan atharrachadh a chleachdadh, mar Photoshop.

Tha dòighean ùra ann a h-uile latha ach chithear gu h-ìosal stiùireadh airson https://imgflip.com/memegenerator a tha gu math coltach ris an dòigh a dhèanar meme fon-làimhe.

  1. Tagh am postair/dealbh a tha sibh ag iarraidh a chleachdadh airson meme – a’ feuchainn ri smaoineachadh mu rudeigin èibhinn a dh’fhaodadh a sgrìobhadh leis
  2. Feumaidh sibh an dealbh a shàbhaladh chun a’ choimpiutar/fòn agaibh no “screen grab” a ghabhail
  3. Chan fheumar an dealbh gu lèir bhon phostair a chleachdadh, cha leig sibh a leas ach pìos beag a thaghadh son ur meme
  4. Thèid gu https://imgflip.com/memegenerator no fosgail an App air ur fon-làimhe
  5. Luchdaich suas an dealbh
  6. Smaoinich a-rithist air na tha sibh ag iarraidh a sgrìobhadh. Uaireannan e nas fhasa a sgrìobhadh ann an Word no air post-d an toiseach son dèanamh cinnteach gun obraich na stràcan
  7. Tagh far a bheil sibh ag iarraidh sgrìobhadh. Faodaidh an teacsa air fad a bhith aig mullach an deilbh, aig a’ bhonn, no eadar an dà bhogsa-teacsa. Gabhaidh na bogsaichean-teacsa a ghluasad
  8. Diog air “Private” airson gun tèid agaibh ur meme a luchdachadh a-nuas nas fhasa agus an uairsin brùth air “Generate Meme” agus sin am meme agaibh deiseil. Brùth air “Download Image” agus tha e agaibh
  9. Airson cuir a-steach don cho-fharpais cuir ur meme air Instagram, Twitter no Facebook le #FilmG

*riaghailtean*