Naidheachdan

Duais Ùr Aithris Spòrs

Chaidh a' cho-fharpais a chur air bhog uair eile le roinn ùr aithris spòrs ga taisbeanadh!

Thadhail Guth na Camanachd, neach-aithris rugbaidh Guinness PRO12 agus eòlaiche spòrs: An t-Oll. Ùisdean MacIllFhinnein aig BBC ALBA, air sgoilearan Àrd Sgoil James Gillespie ann an Dùn Èideann gus co-fharpais na bliadhna-sa a thòiseachadh. Còmhla ris an Oll. MacIllFhinnein bha dithis a bh’ air FilmG a bhuannachadh roimhe: Alannah Pheutan bhon Eilean Sgitheanach agus Keir Greatorex, a chleachd a bhith na sgoilear ann an Àrd Sgoil James Gillespie.  

Bho thòisich e ann an 2008, tha FilmG air brosnachadh a thoirt dha mòran fhilmeadairean tàlantach – sean is òg – an camarathan a thogail agus filmichean goirid a chruthachadh, le mòran ga chleachdadh mar phiobrachadh gus leantainn orra gu bhith ag obair san roinn chruthachaidh. 

‘S e ‘Strì’ cuspair na bliadhna-sa agus thathas an dòchas gum brosnaich e mac-meanmnaidhean fhilmeadairean le sgeulachdan inntinneach is cuspairean airson aithriseachdan, dealbhan-cluiche, comadaidhean agus filmichean beothail.  Tha FilmG cuideachd a’ coimhead airson sgrìobhadairean tàlantach le ùidh ann an sgrìobhadh sgriobtaichean dha TBh. Gheibh buannaichean fortanach nan Sgriobtaichean as Fheàrr ann an roinn na h-Òigridh agus san roinne Fhosgailte cothrom sgioba nan sgriobtaichean a dhlùth leantainn aig taisbeanadh de dhràma Albannach, a thuilleadh air àite air cùrsa còmhnaidheach airson sgrìobhadairean ùra Gàidhlig. 

Nuair a thadhail e air sgoil James Gillespie, stiùir Ùisdean bùth-obrach ann an aithris spòrs is e a’ roinn beairteas eòlais ann a bhith ag aithris air caochladh spòrsan. Bha sgoilearan a’ dearbhadh an sgilean aithriseach a’ cleachdadh criomagan spòrs air-loidhne le Ùisdean D. rin taobh a’ tabhann  comhairle is sanasan. 

Airson na roinne ùir thathas ag iarraidh air luchd-leantainn spòrs tachartas ionadail spòrs fhilmeadh is aithris a dhèanamh air, camanachd, ball-coise, rugbaidh, lùth-chleasachd, dannsa, snàmh no eadhon latha spòrs na sgoile, agus thèid cuireadh a thoirt dha na tagraichean air a’ gheàrr-liosta san Roinn Fhosgailte gu craoladh beò spòrs BBC ALBA san Fhaoilleach 2017 far am bi iad ag aithris ri taobh luchd proifeiseanta. Gheibh buannaichean na h-Òigridh (aois 12-17) agus nan Roinnean Fhosgailte cothrom a bhith ag obair ri taobh nan eòlaichean ann an craoladh spòrs sa Ghàidhlig air prògram inntinneach spòrs. Tha dealas air MG ALBA airson tàlantan ùra ann an craoladh spòrs sa Ghàidhlig a thoirt am follais. 

Thuirt Ùisdean, “Tha mi air leth toilichte a bhith nam phàirt de fhoillseachadh FilmG am-bliadhna agus gu sònraichte a bhith a’ faicinn Duais Neach-aithris Spòrs ga cur ris. Tha a’ Ghàidhlig agus Spòrs air mo thoirt gu taobh thall an t-saoghail, gu àiteachan is tachartasan mìorbhaileach.  Tha mi air a bhith air leth fortanach a bhith an sàs ann an craoladh Gàidhlig.  Tha mi an dòchas balaich, nigheanan, boireannaich is fireannaich fhaicinn a’ dol an sàs sa chothrom seo a’ togail aire gun spòrs ionadail as toigh leotha fhèin. Ach feumaidh mi a ràdh, an dèidh cuid den òigridh a choinneachadh is a stiùireadh an-diugh gu bheil beagan iomagain orm mum obair a-nis!” 

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Leasachaidh is Com-pàirteachais aig MG ALBA: “Tha spòrs na phàirt chudromach de chraoladh BBC ALBA. Tha spòrs a’ toirt luchd-amais ùr gu craoladh Gàidhlig – a’ meudachadh mothachadh den t-sianal is den chànan. 

“Tha MG ALBA airson an ath ghinealach de luchd-leantainn spòrs a bhrosnachadh gus tachartasan spòrs nan sgìrean fhèin a ghlacadh le aithrisean Gàidhlig a tha inntinneach, dìoghrasach agus furasta an leantainn.” 

Roinn Alannah Pheutan is Keir Greatorex, a bhuannaich mòran dhuaisean FilmG tro na bliadhnaichean, an t-eòlas aca air FilmG le na sgoilearan agus dh’inns iad mar a bhrosnaich FilmG an ùidh anns na meadhanan. An dèidh soirbheachadh ann am FilmG, chaidh Alannah gu Oilthigh Napier a sgrùdadh Cleasachd airson Telebhisean, agus fhuair Keir creideas craolaidh mar Riochdaire Aithriseachd  air BBC ALBA agus tha e air a bhith ag obair mar Leas Dheasaiche air prògraman leithid Bannan, dràma Ghàidhlig BBC ALBA, agus Homes Under the Hammer.  Bha na sgoilearan air am brosnachadh le na sgeulachdan aca agus fhuair iad cothrom pàirt a ghabhail ann am bùth-obrach dhràma air a stiùireadh le Alannah agus ann an dùbhlan film gluasadach fo stiùireadh Keir. 

Thuirt Keir: “Bha latha mìorbhaileach agam aig foillseachadh FilmG agus bha mi toilichte cuid de sgoilearan an latha an-diugh ann an sgoil Gillespie fhaicinn a’ dol an sàs anns na meadhanan Gàidhlig dìreach mar a rinn mi fhìn o chionn 7 bliadhna. 

“Tha a’ chuid as motha de dheugairean fortanach gu leòr gu bheil an uidheam a dh’fheumas iad airson filmichean goirid a dhèanamh nam pòcaidean agus bhrosnaichinn neach sam bith aig a bheil sgeulachd ri innse no beachd airson film am fòn a thoirt a-mach, ruith thairis air agus a chur a-steach.” 

Tha FilmG a-nise fosgailte airson tagraidhean gu Diciadain 14 Dùbhlachd 2016.  Feumaidh na filmichean a bhith ann an Gàidhlig na h-Alba agus suas ri còig mionaidean a dh’fhaid (roinn na h-Òigridh) no suas ri 10 mionaidean (roinnean Fosgailte is Coimhearsnachd).