Naidheachdan

CUIRM DUAISEAN FILMG 2017 GA SRUTHADH BEÒ AIR-LOIDHNE

'S ann aig an Old Fruitmarket ann an Glaschu air Dihaoine 17 An Gearran a bhios cuirm duaisean FilmG, co-fharpais nàiseanta filmichean na Gàidhlig. Thèid aig luchd-leantainn FilmG a' chuirm fhaicinn beò air an eadar-lìon mar a rinneadh gu soirbheachail an-uiridh.

Bidh a' cho-fharpais Instagram sa Ghàidhlig a' tilleadh, air an robh fèill mhòr, anns an naoidheamh bliadhna de na duaisean seo agus leigidh seo leis an luchd-èisteachd san talla agus na daoine a tha a' coimhead aig an taigh pàirt aa ghabhail san fharpais. Tha an Sruth Beò a' cur taobh sgoinneil eadar-obrachail ris an tachartas agus bidh preasantairean FilmG, Fiona NicCoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach, ag iarraidh air na tha an làthair, cho math ri luchd-amhairc an t-srutha bheò, an dealbh as spòrsaile agus/no as cruthachaile a chur air Instagram fon chomharra #FilmG. Nì na britheamhan sgrùdadh air na dealbhan agus thèid an dealbh a ghlèidheas a ghairm aig deireadh na h-oidhche agus cosnaidh an dealbh sin camara Bebop Parrot Drone.

Thuirt Moira Pugh, Manaidsear Pròiseict FilmG: "Chan eil ach beagan làithean ri dhol chun na cuirm agus tha a h-uile duine air bhioran mar-thà, gu h-àraid air na meadhanan-sòisealta. An-uiridh fhuair barrachd dhaoine cothrom air cuirm nan duaisean fhaicinn air a' chiad Sruth Beò, a leig le luchd-leantainn FilmG air feadh an t-saoghail pàirt a ghabhail air an oidhche agus tha FilmG air leth toilichte gun urrainn dhuinn a' chuirm a sgaoileadh a-rithist am bliadhna.

"'S e cothrom fìor mhath a th' anns an t-Sruth Bheò airson daoine a th' air a bhith an sàs san fharpais ach nach urrainn a bhith an làthair – cho math ris na daoine a tha air uiread taic a thoirt don cho-fharpais fad na bliadhna."

"Tha sinn air leth toilichte gum bi a' cho-fharpais Instagram againn a' tilleadh. Bha fèill mhòr oirre an-uiridh agus 's e dòigh spòrsail a th' ann airson iarraidh air barrachd dhaoine brathan a chur air na meadhan-sòisealta is iad a' cur feum air na tagaichean againn. Tha sinn a' cleachdadh nam meadhan-sòisealta anns an dòigh chruthachail is spòrsail seo a-rithist airson a' Ghàidhlig agus a' cho-fharpais a bhrosnachadh."

"Shoirbhich leis na cuirmean a bh' ann roimhe air na meadhan-sòisealta agus am bliadhna tha sinn a' cur ri sin leis na bhideothan air cùl an àrd-ùrlair, far am bi na daoine a ghlèidheas ag innse don luchd-leantainn air-loidhne ciamar a tha iad a' faireachdainn – bidh Danny MacAsgaill, a tha air taic mhòr a thoirt do FilmG thar nam bliadhnaichean, am measg nan daoine a bhios a' bruidhinn, mar sin 's fhiach e sùil a chumail air an làraich-lìn againn airson nan bhideothan sònraichte seo."

Am measg luchd-ciùil na h-oidhche bidh an còmhlan òg ann, INYAL, agus iad an dèidh cuirmean a chluich aig Celtic Connections agus The Highland Annual.  Tha FilmG a' dèanamh fiughair mhòr ris an naidheachd gum bi an seinneadair Gàidhlig air leth, Josie Duncan, a' seinn cuide ris na balaich.

Lean Moira oirre: "Tha FilmG airson tàlant cruthachail a bhrosnachadh tro fhilmichean, ach bidh measgachadh de mheadhanan ann am bliadhna agus am fear a bhuannaich an duais Film Aithriseach As Fheàrr ann an 2016, Hamish MacLeòid, a' cluich cuide ri a chòmhlan, INYAL, is iad a' cur crìoch air an oidhche - cothrom sònraichte do FilmG."