Naidheachdan

Sgoilearan a' feuchainn air Aithrisean Spòrs

Fhuair sgoilearan às iomadh ceàrn den dùthaich cothrom air sgilean aithris spòrs ionnsachadh agus na sgilean sin a chur an gnìomh aig Cupa Iomain na h-Òige, a' cho-fharpais iomain eadar-sgoiltean.

Bha an tachartas spòrs soirbheachail, a chaidh a chumail Dihaoine 9 Sultain aig an Eilean, Baile Ùr an t-Slèibh, air a chur air dòigh le Eòghan Stiùbhart aig Iomain Cholmcille, agus fhuair cluicheadairean òga iomain aig a bheil a' Ghàidhlig cothrom cluiche an aghaidh sgoiltean eile cho math ri cothroman air a' Ghàidhlig a bhruidhinn an dà chuid air an raon-chluiche is far na pàirce.

Ùisdean a' toirt seachad comhairle do mhuinntir Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis agus Acadamaidh Chùil Lodair

Bha an luchd-aithris spòrs òg ann an deagh chuideachd nan laoch aithriseach, Ùisdean Macillinnein is Calum MacAmhlaigh, anns a' bhogsa aithris airson bùth-obrach Aithris Spòrs FilmG aig a' cho-fharpais airson sgiobannan iomain le sianar. Thàinig sgoilearan àrd-sgoile às iomadh ceàrn fad is farsaing don tachartas – far an do chuir iad fìor iongnadh air Ùisdean fhèin, an sàr neach-aithris, agus na sgilean aithriseach is dealas aca airson a' gheama cho follaiseach 's a ghabhadh.

Fhuair iad cothrom cuideachd a' chamanachd a ghlacadh air film cuide ri Calum MacAmhlaigh, a dh'aithnich cuid aca bho na prògraman spòrs air BBC ALBA. Bha e na thlachd do Chalum a bhith nam measg:

“Bha latha sònraichte againn ann am Bail’ Ùr an t-Sleibh a dh’aindeoin an t-sìde. Rinn na deugairean an dìcheall, chan ann a-mhàin a thaobh aithris, ach a’ cleachdadh a’ chamara, ag ionnsachadh sgilean lìbhrigidh, agus a’ cumail agallamhan le cluicheadairean cuideachd!”

Gheibh na sgoilearan àrd-sgoile a ghlèidheas an duais aithris spòrs cothrom air latha a chur seachad air cùl nan camarathan aig craoladh beò spòrs le BBC ALBA.