Naidheachdan

Tòrr Spòrs aig Bùithean-obrach Fèis Eilean Dorcha

Lìbhrig Calum MacIlleathain, neach-naidheachd is vlogger dha BBC The Social  bùithtean-obrach neo-fhoirmeil dha FilmG ann an sgilean teicnigeach is sgilean air beulaibh camara aig Fèis Eilean Dorcha ann am Beinn na Fadhla aig an deireadh sheachdain (29 – 30 Iuchar).

CALUM MACILLEATHAIN A' FAIREACHDAINN AN FHUACHD ANN AM VLOG A RINN E BHO CHIONN GHOIRID

Fhuair luchd-tadhail na fèise cothrom prìomh eileamaidean vlogging fheuchainn, a’ gabhail a-steach filmeadh, agus taisbeanadh. B’ e fìor àite math a bh’ ann am Beinn na Fadhla airson FilmG 2017 àrdachadh agus cuid de dhuaisean ùra na co-fharpais a chomharrachadh, le mòran de dhaoine cruthachail is luchd na Gàidhlig a’ mealtainn na fèise.

A' CLÀRADH NA BHA DOL AIG NA BÙITHTEAN-OBRACH EILE

Bhruidhinn Eilidh bhon sgioba ri tòrr dhaoine aig an robh ùidh aig an fhèis: “Bha e fìor mhath coinneachadh ri uimhir de dhaoine òga tàlantach aig an fhèis, le mòran dhiubh le ùidh shònraichte anns na duaisean airson an Dealbh-beò as Fheàrr agus an Fhilm Fòn-làimhe as Fheàrr ann an roinn na h-òigridh. Tha sinn an dòchas gum faigh iad brosnachadh bho na chunnaic iad Calum a’ dèanamh agus gun tèid iad dhachaigh gus an vlogs no an dealbhan-beò fhèin a chruthachadh airson an inntrigeadh gu co-fharpais FilmG na bliadhna-sa.”

RIONNAGAN CHÒMHLAN PÌOBA SGOIL LIONACLEIT

Bha ùidh gu leòr cuideachd san roinn ùir airson Aithris Spòrs is deugairean gu leòr a’ faighneachd mun seo an dèidh dhaibh cluinntinn mu dheidhinn bhon Neach-aithris cliùiteach Spòrs ann an Gàidhlig, Derek ‘Pluto’ Moireach, a bha cuideachd na MC aig an Fhèis.  Fhuair FilmG facal air Derek eadar sgrùdadh nam fuaimean agus bha e a’ brosnachadh dhaoine gus feuchainn air, ag innse dhuinn mu na pàirtean a b’ fheàrr ann a bhith nad neach-aithris:

“Feumaidh mi a ràdh gur e na cothroman a tha thu a’ faighinn agus na h-àiteachan anns a bheil thu a’ tadhal na rudan as fheàrr mu bhith nad neach-aithris…. Uaireannan, cha mhòr gun fhiosda dhut fhèin, gheibh thu thu fhèin air raointean spòrs nuair a tha tachartasan spòrs glè chudromach a’ gabhail àite.”

Gheibh buanaichean duais an Neach-aithris Spòrs cothrom cuideachd faighinn latha air cùl chùisean aig craoladh beò de spòrs air BBC ALBA. Cha leig a leas an fheadhainn a tha airson a bhith an sàs an seo ach dìreach a’ chriomag as fheàrr, suas gu dà mhionaid a dh’fhaid, den aithris fhèin a chur a-steach mu gèam ionadail ball-coise, camanachd, rugbaidh, teanais, bùth-obrach dannsa, no fiù ’s  aithris mu latha spòrs, airson cothrom buannachadh.    

Tha sinn an dòchas gun toir cuspair na bliadhna sa, Strì, beachdan gu leòr do luchd-film.