Naidheachdan

Filmeadairean Òga Sgileil a' Dèanamh an Dìchill

Tha a' cho-fharpais dùinte agus tha na filmichean againn!

Fhuaireadh an àireamh as motha a-riamh de fhilmichean le filmeadairean ùra, sgileil an lùib co-fharpais FilmG na bliadhna, an naoidheamh co-fharpais fhilmichean goirid nàiseanta aig MG ALBA - agus rinn barrachd fhilmeadairean òga is bhuidhnean sgoile film air an ceann fhèin às aonais taic luchd-oide FilmG.

Fhuaireadh 105 tagradh uile gu lèir, 56 film anns an roinn Òigridh agus 25 film anns an roinn Fhosgailte. Fhuaireadh Aithrisean Spòrs agus Sgriobtaichean cuideachd, agus bidh co-dhùnaidhean doirbh aig na britheamhan againn anns na seachdainean a tha romhainn. Tha sinn an dòchas gum bi fèill mhòr air an duais Roghainn an t-Sluaigh a-rithist agus gum faighear barrachd bhòtaichean na fhuaireadh an-uiridh.

Chithear a h-uile film air-loidhne bho Dhimàirt 20 Dùbhlachd agus faodar bhòtadh air an son a-nis gu ruige a' Ghearrain - mus tèid an fheadhainn a bhuannaicheas a ghairm aig cuirm mhòr duaisean FilmG aig The Old Fruitmarket ann an Glaschu, 17 Gearran 2017.  

Bidh cuspair FilmG a' brosnachadh luchd-film, a dh'aindeoin aois, a h-uile bliadhna gus am feuch iad air film goirid a dhèanamh. Tha cuspair na bliadhna sa, 'Strì', air daoine a bhrosnachadh ann an diofar dhòighean a leithid an sealladh èibhinn aig Àrd-sgoil an Òbain air Masterchef agus Bake-off, ‘Croutons is Cardamom’, anns a bheil Ollaidh Oraindsear (Calum McLuckie) aig an stiùir.

Tha e coltach gur e bliadhna ait, aoireil a th' aig FilmG am-bliadhna, agus oileanaich Cùrsa Telebhisein Sabhal Mòr Ostaig a' taisbeanadh an t-seallaidh acasan air prògraman ainmeil Gàidhlig agus Àrd-sgoil Àird nam Murchan is a' bhuidheann coimhearsnachd, Tàirneanaich, à taobh siar Leòdhais, a' sealltainn an dreachd aca fhèin dhuinn de Gogglebox!

Bha grunnan fhilmichean aithriseach ann stèidhichte air a' chuspair leithid film le Àrd-sgoil a' Phluic air obair ionmholta Ospais na Gàidhealtachd agus na h-oidhirpean aca is iad a' togail airgid don charthannas. Tha sgeul air leth tiamhaidh ri fhaicinn anns an fhilm aithriseach 'Taobh Eile Duilghe' le Kerr Gibb a tha a' leantainn obair a' charthannais Eadailtich, Operazione Colomba, is iad a' cumail taic ri fògarraich Shiridheach ann an ceann a tuath Leabanon.

Chaidh duais ùr fhoillseachadh an-uiridh, Film Fòn-làimhe As Fheàrr, agus tha na filmichean sin air sìor-fhàs nas treasa am-bliadhna far am faicear a' bhuidheann coimhearsnachd Cearcall Fighe Dhùn Èideann agus an spòrs a th' aca sna coinneamhan a h-uile seachdain anns an fhilm ‘Nar Lùban’. Agus tha am filmeadair beò-dhealbh òg, Ruairidh Alexander à Geàrrloch a tha 12 bhliadhna a dh'aois, air fòn a chleachdadh airson 'Falach-Fead' a dhèanamh.

Bha fèill mhòr air an duais as ùire cuideachd, Aithris Spòrs As Fheàrr, gu h-àraid am measg sgoilearan à Sgoil Lìonacleit ann am Beinn nam Fadhla, is seachdnar dhiubh ag aithris air Cuairt Dheireannach Cupa Billy MacNeil an dèidh bùth-obrach cuide ris an neach-aithris spòrs Ailig O' Henley.

Bhruidhinn Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Com-pàirteachais aig MG ALBA, air cho sàsaichte 's a bha a' bhuidheann leis an oidhirp is a' chom-pàirteachas am-bliadhna.

Thuirt Iseabail: “Tha e na thoileachas mòr dhuinn uiread de dh’fhilmichean, aithrisean is sgriobtaichean fhaicinn. Tha roinnean ùra, a leithid Aithris Spòrs air a bhith soirbheachail cuideachd, agus ’s e deagh naidheachd a tha sin.”

 “Feumaidh na britheamhan a-nis na filmichean a choimhead is a sgrùdadh agus tha dùbhlan mòr romhpa mus tig iad gu co-dhùnadh air cò thèid air adhart do na geàrr-liostaichean.”

Bha Manaidsear Pròiseict FilmG, Moira Pugh, air a dòigh àireamh agus measgachadh cho math de dh’fhilmichean fhaicinn:

"Tha daoine air ùidh mhòr a ghabhail ann am FilmG am-bliadhna. Tha e na thlachd dhuinne a bhith a’ faicinn fhilmeadairean de gach aois a’ dèanamh fhilmichean de gach seòrsa, bho dhràmathan eachdraidheil, gu filmichean èibhinn air an dèanamh air fòn-làimhe, gu aithrisean spòrs!”

Faic na filmichean an seo, agus cùm sùil air an làrach-lìn airson na h-aithirsean a chluinntinn sna làithean a tha romhainn.