Naidheachdan

Dèan Film Fòn-làimhe!

   

  

Abair gu bheil oidean FilmG agus sgoilearan na h-Alba air a bhith trang am-bliadhna, ag obair air filmichean èibhinn, filmichean dràma agus filmichean aithriseach. Ach dhuibhse a tha fhathast ag iarraidh film a dhèanamh leib' fhèin, tha ùine ann fhathast!

Cleachd am fòn-làimhe agad, agus dèan bhideo-ciùil mar a rinn Acadamaidh Inbhir Pheofharain an seo, leabhar-là aig tachartas sònraichte, film stèidhichte air a’ phrògram as fheàrr leat, dealbh-beò a’ cleachdadh stuth a tha san taigh agad mu thràth, no film a tha air a thoirt beò le guthan.

Thoir sùil air filmichean bho bhliadhnaichean a dh’fhalbh, duilleagan BBC The Social agus filmichean #VlogaMhòid airson beachd a thoirt dhut air na ghabhas a dhèanamh.

Feumaidh filmichean ann an roinn nan inbheach a bhith eadar 0 is 8 mionaidean a dh’fhaid, agus cha bu chòir filmichean dheugairean a bhith càil nas fhaide na 5 mionaidean.