Naidheachdan

Bhòtaichean air an cunntas

Abair iomairt a bh'aig fairpisich is luchd-amharc am-bliadhna, a' cleachdadh na meadhanan-sòisealta agus ag iarraidh air daoine na filmichean aca a choimhead agus taic a chur riutha. Fhuair sinn a dhà uimhir de bhòtaichean 's a fhuair sinn an-uiridh - ar taing dhuibhse 'son a bhith coimhead agus a' bhòtadh cho tric! 

Tha na bhòtaichean a-nise air an cunntas - ach bidh agaibh ri feitheamh gu oidhche mhòr nan duaisean air 17 Gearran gun cluinn sibh cò am film a b' fheàrr a chòrd ris luchd-bhòtaidh.

Ron uair sin ge-tà, nach gabh sibh sùil air geàrr-liosta nam britheamh airson Farpais na h-Òigridh agus Farpais nan Inbheach.