Naidheachdan

Meal an naidheachd air Anndra!

Sin agaibh e! Mòran taing dhan a h-uile duine a ghabh pàirt sa chiad cho-fharpais Vlog a-riamh aig FilmG.

Tha na filmichean air còrdadh ri daoine gu mòr, agus iad air an cluich còrr is 5,700 triop air facebook gu ruige seo, aonan dhiubh air a choimhead le còrr is 1500 neach! Bha Calum MacAmhlaigh a tha ag obair air BBC Alba is Radio nan Gàidheal, agus na oide son bùithtean-obrach FilmG, na bhritheamh. 

Chan e obair soirbh a bh' aige idir ach rinn e a chùis...

Sa chiad àite: Anndra Cuimeanach

San dàrna àite: Lexy NicLeòid

San treas àite: Bun-sgoil Goodlyburn

Chithear film Anndra, na Vlogs sgoinneil eile agus filmichean bho bhliadhnaichean a dh'fhalbh air sianail YouTube FilmG!