Naidheachdan

Tuairmse aig toiseach na seachdain!

Thèid FilmG a chur gu dol uair eile le Farpais Chuspair – pàirt stèidhichte de bhliadhna nan Gàidheal a-niste! Tha car san sgeul am-bliadhna ge-tà agus sinn gu bhith foillseachadh bhideothan an àite dealbhan. Tha na trì bhideothan a’ toirt diofar shealladh air cuspair na bliadhna.

Tha sinn ag iarraidh air luchd-leantainn FilmG coimhead air na bhideothan agus na thogras iad de thuairmsean a chur thugainn air Instagram, Facebook air no Twitter. Thig am farpais a dhùnadh air Diciadain 20mh aig meadhan-oidhche.

Riaghailtean:

  1. Tha Farpais Chuspair FilmG air a ruith le Cànan Graphics Studio (a bhios a’ lìbhrigeadh farpais FilmG cuide ri MG ALBA).
  2. ’S e Sugr Cube Bluetooth Speaker a th’ againn mar dhuais agus thèid a chur dhan phost an t-seachdain às dèidh don bhuanaiche a bhith air a ghairm.
  3. Tha am farpais fosgailte bho Diluain 18 Ògmhios gu meadhan-oidhche air Diciadain 20 Ògmhios agus FEUMAIDH na tuairmsean a bhith sa Ghàidhlig.
  4. ’S e a’ chiad neach a chuireas thugainn tuairmse a gheibh an duais, cho fad ’s a leanas iad a’ chomhairle aig bonn an duilleig.
  5. Thèid am buanaiche a ghairm air Dihaoine 22 Ògmhios, agus thèid brath a chur thucasan ann an teachdaireachd phrìobhaideach cuideachd. Bidh aca ris an t-seòladh aca a chur thugainn, ach cuiridh sinn às dha nuair a chluinneas sinn gu bheil an duais air nochdadh.
  6. Bu chòir don bhuanaiche a bhith deònach nochdadh ann am pìos naidheachd mun duais.
  7. Bu chòir do luchd-inntrigidh a bhith co-dhiù 13.
  8. Tha luchd-inntrigidh làn dì-beathte barrachd is aon thuairmse a chur thugainn.
  9. Ma thèid tuairmse a mheas mì-fhreagrach le sgioba FilmG, thèid a thoirt far an duilleig.
  10. ‘S ann mar seo a bu chòir do luchd-inntrigidh cur a-steach a-rèir dè tha iad a’ cleachdadh:

Facebook – bu chòir dha luchd-inntrigidh am bhideo a sgaoileadh le ‘share’, agus ‘like’ no a leithid a thoirt don bhideo, agus an tuairmse aca fhàgail mar theachdaireachd fon bhideo fhèin.

Instagram – bu chòir dha luchd inntrigidh ‘like’ a thoirt don bhideo agus teachdaireachd fhàgail fodha leis an tuairmse aca

Twitter – bu chòir dha luchd-inntrigidh am bhideo a sgaoileadh le retweet, agus an tuairmse aca