Naidheachdan

Filmichean dàna air geàrr-liostaichean nam britheamhan

Tha sinn cho toilichte Geàrr-liosta nam britheamhan fhoillseachadh! Bha measgachadh de stiùirichean, riochdairean is sgrìobhadairean bhon ghnìomhachas an sàs anns na pannalan.

Thuirt fear de na britheamhan, Calum MacConghail, a tha ag obair an-dràsta air a' phrògram chomadaidh, ‘Breaking the News’, air Radio Scotland:

“Choimhead sinn air còrr is seasgad film ann an roinn na h-òigridh am bliadhna, 's e sin an àireamh as motha gu ruige seo, agus bha e na urram dha-rìreabh dhomh a bhith a' coimhead orra. Tha mi a' bruidhinn às leth a' phannail gu lèir a tha airson cur an cèill cho toilichte 's a bha sinn leis cho dàna 's a bha an dà chuid na buidhnean sgoile agus an luchd-film òg fa leth. Chan eil iad sàsaichte tuilleadh le sgeulachdan sìmplidh stèidhichte san sgoil. Bidh iad a-nis air a' bhlàr a-muigh, ann an coilltean, air mullach beinne no fiù 's sa phrìosan, is iad a' dèanamh an cuid fhilmichean nas inntinniche agus nas tarraingiche. Bu toigh leamsa iarraidh air an luchd-film gun cumadh iad orra a' dèanamh fhilmichean sa Ghàidhlig agus bu mhath leam meal-a-naidheachd a chur air an luchd-film a choisinn àite air geàrr-liosta.”

Fhuaireadh 64 filmichean ann an roinn na h-Òigridh - an àireamh as motha a fhuaireadh a-riamh.

Bheireadh Sheena gàire air gamhainn a' cluich 'Peigi an Eagle'

Bha Àrd-sgoil James Gillespie ann an Dùn Èideann soirbheachail agus trì de na filmichean aca a' nochdadh air na geàrr-liostaichean thar ceithir roinnean.  Chaidh An Sgròla ainmeachadh air geàrr-liosta 'Sgriobt As Fheàrr', agus choisinn Sheena àite air geàrr-liosta airson a cuid cleasachd san fhilm Peigi an Eagle. Tha Eòghan Beag: Latha Mòr air geàrr-liosta 'Film As Fheàrr is chaidh am prìomh chleasaiche, Eòghan ainmeachadh san liosta 'Cluich As Fheàrr' airson a chleasachd air leth san aon fhilm.

Saoil ge dè thachair ann an Inbhir Narainn?!

Bha grunn sgoiltean anns a' Ghàidhealtachd soirbheachail cuideachd agus Àrd-sgoil Gheàrrloch, Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich, Acadamaidh Inbhir NarainnAcadamaidh Alanais, Àrd-sgoil Phort Rìgh agus Acadamaidh Allt a' Mhuilinn uile air a' gheàrr-liosta le filmichean de dh'iomadh cuspair, eadar a' bhuaidh a th' aig burraidheachd air-loidhne air daoine agus dreach film den sgeulachd ghoirid 'Bùrn' le Iain Mac a' Ghobhainn.

Cha b' e sgoilearan a-mhàin a thaisbean an liut aca air cruthachadh fhilmichean. Bha filmichean air leth rim faicinn san roinn Fhosgailte do luchd-film nas sine na 17 bliadhna a dh'aois.

Choisinn oileanach aig Oilthigh Napier Dhùn Èideann, Lana Pheutan, àite air liosta ann an trì roinnean airson a film drùidhteach, Còig Puing a Trì, a tha ag innse sgeul boireannach tar-ghnèitheach is nan dùbhlanan a tha roimhpe san dàimh eadar i fhèin is a teaghlach. Tha am film le Lana a' nochdadh air an liosta airson ‘Dràma As Fheàrr, ‘Film Oileanach As Fheàrr’ agus choisinn a comasan cleasachd àite air a' gheàrr-liosta airson 'Cluich As Fheàrr' cuideachd.

Tha am film aoibhneach, Bho Clach gu Clach, le Danielle NicLeòid, a tha na h-oileanach aig Sgoil Ealain Ghlaschu, air nochdadh air liosta iomadh duais cuideachd. Tha am film aithriseach seo a' leantainn Mhàrtainn ‘Swannie’ MhicDhòmhnaill, fear a bhios a' dèanamh chlachan-uaighe ann an Leòdhas, fhad 's a tha e a' snaidheadh agus a' suidheachadh chlachan cuide ri a cho-obraiche. Tha am film a' taisbeanadh saothair dithis luchd-ciùird a bhios a' toirt urram do na mairbh nan cuid obrach.

Chaidh am film seo ainmeachadh air na geàrr-liostaichean airson ‘Film Dùthchais As Fheàrr’, ‘Stiùiriche Ùr As Fheàrr' agus 'Film Oileanach As Fheàrr'.

Chaidh dithis à ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich, Iain MacUilleim agus Ally ‘C’ MacLeòid, ainmeachadh air geàrr-liosta trì roinnean – 'Dràma As Fheàrr', ‘Cluich As Fheàrr’ agus ‘Film Fòn-làimhe As Fheàrr'.

Chithear Ally 'C' ri surfadh-caorach san fhilm seo, fhad 's a tha e a' rapadh, mar phàirt de shreath thachartasan anns a bheil carabhan a' nochdadh ...

Tha na geàrr-liostaichean gu lèir rim faighinn an seo. Thèid na filmichean a ghlèidheas a ghairm aig cuirm duaisean FilmG aig Old Fruitmarket ann an Glaschu, Dihaoine 9 Gearran. Bidh BBC ALBA a' craoladh blasad den tachartas Didòmhnaich 11 Gearran. Thèid fiosrachadh a thaobh thiceadan a sgaoileadh a dh'aithghearr air na meadhanan sòisealta.