Naidheachdan

Ceann-là FilmG a’ Tighinn Faisg


Tha ceann-là FilmG a-nis a' teannadh oirnn. Ma tha ùidh agaibh film a dhèanamh seo an t-àm tòiseachadh! Thathar a' tabhainn duaisean sgoinneil am-bliadhna agus feadhainn ùra nam measg. Airson na h-inbhich tha duais ùr ann airson an stiùiriche gnìomhachais as fhèarr. Tha seo airson duine sam bith a tha mar-thà ag obair anns a gnìomhachais, gus an cothrom a thoirt dhaibh na beachdan aca fhèin a thaisbeanadh. Tha duais ùr ann an roinn na h-òigridh cuideachd 's tha sin airson ‘Film Buidheann Òigridh as Fheàrr’ agus leis an duais seo tha FilmG fosgailte airson a' chiad triop do chlasaichean Bun-sgoile.

Ma tha thu a' smaointinn air film a dhèanamh agus feum agad air beagan comhairle carson nach cuir sibh fios thugainn.