Naidheachdan

FilmG: Ìre nam filmichean nas fheàrr na bha riamh

Tha sinn cho toilichte filmichean na bliadhna fhoillseachadh agus ìre nam filmichean nas fheàrr na bha riamh.

Thig na britheamhan againn cruinn còmhla ann an Glaschu an t-seachdain sa airson filmichean a sgrùdadh agus a thaghadh anns na diofar roinnean. Thèid na geàrr-liostaichean fhoillseachadh air 8 Faoilleach 2018.

Mar a chaidh a ghairm mar-thà, thèid cuirm duaisean FilmG 2018 a chraoladh air BBC ALBA airson a' chiad uair a-riamh.

Agus, cho math ris a' chuirm fhèin, tha BBC ALBA air fios a sgaoileadh gun tèid ceithir de na filmichean a b' fheàrr a chaidh a dhèanamh gu ruige seo a chraoladh air an t-sianal san t-seachdain ro na duaisean – Didòmhnaich 11 Gearran. Thèid ainm nan ceithir filmichean fhoillseachadh san Fhaoilleach.

Bha Flòraidh Forrest a' beachdachadh air luach na co-fharpais agus a buaidh mhaireannach air na meadhanan Gàidhlig. Thuirt i:

“Tha sinn fìor thoilichte an tuilleadh fhilmichean fhaicinn a-rithist am bliadhna. Ach nas cudromaiche buileach, tha sinn a' gabhail beachd air ìre mhath nam filmichean. Tha seo air sìor-fhàs nas cudromaiche an lùib foghlam Gàidhlig san àrd-sgoil agus tha a' cho-fharpais a' brosnachadh dhaoine òga gus pàirt a ghabhail san fharpais.

“Tha sinn air adhartas fhaicinn gu cunbhalach thar nam bliadhnaichean san àireimh de luchd-film a bhios a' dèanamh film às aonais taic an luchd-teagaisg no bùithtean-obrach FilmG.

“Chaidh 63 filmichean a chur thugainn uile gu lèir am bliadhna ann an roinn na h-òigridh – agus 21 dhiubh sin le luchd-film òg neo-eisimeileach.

“Ach 's e ìre àrd nam filmichean a tha nas tlachdmhoire dhuinn buileach. Tha sinn air filmichean fhaicinn le daoine a chuir filmichean thugainn roimhe ach tha e follaiseach gu bheil iad air na sgilean sgrìobhaidh agus teicnigeach a thoirt am feabhas gu mòr.

“Tha an cuid dealais follaiseach agus tha filmichean air leth math air tighinn gu buil mar thoradh air sin. Tha sinn an dòchas gun cuidich seo an luchd-film òg againn agus iad a' gabhail an ciad cheuman air an t-slighe obrach aca sna meadhanan.”

Chithear Filmichean Roinn na h-Òigridh agus Roinn nan Inbheach a-nise. Thèid agaibh air bhòtadh an ceartuair cuideachd – cùm sùil a-mach!