Naidheachdan

Rionnag FilmG air cùlaibh chùisean aig geama mòr

A-raoir, bha Anndra Cuimeanach, a bhuinnig Duais Aithris Spòrs as Fheàrr aig Duaisean FilmG na Bliadhn’ uiridh, an làthair aig geama mòr aig Pàirc Bhictòria, far an robh County a’ cluich Dùn Dè. Chan e mhàin gun d’ fhuair a ticeadan an-asgaidh chun a’ gheama, ach fhuair e an cothrom a’ chùis fhaicinn bho shealladh eile is e suas gu h-àrd còmhla ris an luchd-aithris.

B’ iad Ùisdean MacIllFhinnein is Ailig O’Henley a bha ag obair an oidhche sin, agus ‘s e chòrd ri Anndra a bhith nan cuideachd. ‘S e sàr chothrom ionnsachaidh a bh’ ann dhan fhear òg à Geàrrloch, nach eil ach air a’ chiad bhliadhna san sgoil.

Tha sinn an dòchas guth Anndra a chluinntinn air aithrisean sna bliadhnaichean ri teachd!