Naidheachdan

RUARAIDH GAR BEÒ-GHLACADH

Chaidh iarraidh air sgoilearan bun-sgoile is àrd-sgoile filmichean dhealbhan-beò a dhèanamh air fònaichean is tablaidean anns na saor-làithean agus fhuaireadh 25 filmichean às a h-uile ceàrnaidh den dùthaich. 

Thuirt Oifigear Pròiseict FilmG, Eilidh NicFhraing: “Bha e na thlachd dhomhsa a bhith a' coimhead air na filmichean nuair a thàinig iad thugainn, agus chan fhaighinn thairis air cho comasach ’s a bha an luchd-film, a bha air fad fo 14 agus fiù 's cho òg ri 3 bliadhna a dh'aois. Bha dùbhlan air leth ro na britheamhan!"

B' e Ruaraidh, a tha na sgoilear aig Àrd-sgoil Gheàrrloch, a bhuinnig leis an fhilm 'An Aisling'. Bha am film seo a' leantainn air an dealbh-beò air leth èibhinn a rinn e a ghlèidh an duais airson dealbh-beò aig duaisean FilmG anns a' Ghearran. Chithear Ruaraidh san dealbh le a chuid dhuaisean cuide ri britheamhan na co-fharpais, Caitlin NicFhearghais agus Hannah McKirdy.

B' e triùir bhalach à Dùn Èideann a bhuannaich duais nam bun-sgoiltean leis an dealbh-beò ait aca ‘Cò Ghoid an Duff?’ Tha na bràithrean Seumas agus Alasdair agus an caraid Hamish nan sgoilearan aig Bun-sgoil Taobh na Pàirce. Bha ìre nam filmichean cho àrd 's gun deach duaisean airson an dàrna agus an treas àite a thoirt seachad cuideachd. Choisinn Anndra à Bun-sgoil Gheàrrloch an dàrna duais airson ‘Cha tig Saorsa gun Chunnart’ agus b' iad piuthar agus bràthair, Maeve agus Lachlan, a tha nan sgoilearan aig Bun-sgoil Fharr, a choisinn an treas àite le ‘Càise’.

Tha na filmichean gu lèir rim faicinn air na duilleagan Vimeo agus Facebook aig FilmG Alba. Tha prìomh cho-fharpais FilmG air chois a-nis agus faodaidh luchd-film òg sam film a' dhèanamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh air roinnean is duaisean tadhal a-seo. 'S e 8 Dùbhlachd ceann-latha co-fharpais na bliadhna sa.