Naidheachdan

SPOOF-OFF AIG SABHAL MÒR OSTAIG

Ghabh oileanaich aig Sabhal Mòr Ostaig pàirt ann am bùth-obrach 'Tionndadh air Tarantino' aig an deireadh-sheachdain agus iad a' cruthachadh earrainnean às ùr bho na filmichean ainmeil aig an stiùiriche chliùiteach, Quentin Tarantino.

Bha na h-oidean agus luchd-film, Dòmhnall Eòghainn MacFhionghain agus Cailean Collier, an aghaidh a chèile agus chaidh iarraidh orra seallaidhean ainmeil ann am filmichean le Tarantino ath-chruthachadh sa Ghàidhlig, ach le car san sgeul. Bha sgioba de dh'oileanaich aca le chèile is iad airson an gnothach a dhèanamh air an sgioba eile agus bha na filmichean a rinn iad an dà chuid brosnachail agus èibhinn.

Chaidh a' bhùth-obrach a chur air dòigh le sgioba FilmG, co-fharpais nam filmichean goirid Gàidhlig, a tha ag iarraidh gun dèan oileanaich filmichean airson co-fharpais na bliadhna sa agus duais de £1000 ann a-nis airson 'Film As Fheàrr le Oileanach'. Thuirt Manaidsear Pròiseict FilmG, Flòraidh Forrest:

“Abair deireadh-seachdain sgoinneil a bh' againn agus bha e cho brosnachail a bhith a' faicinn nan oileanach a' sgrùdadh nan dòighean àraid anns am bi Tarantino a' filmeadh cuid de na seallaidhean film aige. Dh'ionnsaich iad an t-uabhas thar an deireadh-seachdain agus bha an dithis luchd-oide sgoinneil. Cha do rugadh cuid mhòr de na h-oileanaich nuair a chaidh Reservoir Dogs a sgaoileadh mar sin bha e math gun d' fhuair iad cothrom eòlas a chur air obair stiùiriche cho cliùiteach!"

Faodar na filmichean fhaicinn a dh’aithghearr air duilleag facebook FilmG agus buannaichidh am film a gheibh an àireamh as motha de ‘likes’! Tha co-fharpais FilmG fosgailte a-nis agus thathar ag iarraidh air luchd-film is oileanaich filmichean a chur thugainn de ghnè sam bith nas giorra na còig mionaidean a dh'fhaid. 'S e 8 Dùbhlachd ceann-latha na co-fharpais agus thig i gu crìch aig cuirm dhuaisean spaideil aig an Old Fruitmarket ann an Glaschu sa Ghearran.