Naidheachdan

Filmichean a’ tighinn an cois postairean FilmG 11!

Airson a’ chiad uair, thèid a’ Cho-Fharpais a chur gu dol le bhideothan goirid gam foillseachadh air Facebook, Instagram agus Twitter FilmG, an àite dealbhan nam postairean a mhàin. Mairidh na bhideothan mu leth mhionaid, agus chì sibh beagan de sgeulachd nan caractaran annta.

Tha sinn an dòchas gum brosnaich seo an luchd-leantainn againn gus tuairmsean a chur thugainn san dòigh àbhaisteach agus gum bi na filmichean nan cuideachadh do dh’òigridh gu seachd àraid, is iad a’ smaoineachadh air sgeulachdan airson na filmichean aca fhèin.

Thar a’ chola-deug a dh’fhalbh, tha sinn air a bhith a-muigh a’ filmeadh trì filmichean gu math eadar-dhealaichte bho chèile còmhla ris an neach-camara Alasdair MacIlleathain.

Thòisich sinn a’ filmeadh le Izzy Flower. Buinidh Izzy do Dunbar, is roghnaich i a dhol Sgoil Sheumais Ghilleasbuig airson an t-siathamh bliadhna agus ùidh aice Gàidhlig ionnsachadh. Tha i a-nise am meadhan ceum ann an Gàidhlig is Fraingis aig UofG Oilthigh Ghlaschu, is tha i aig Sabhal Mòr Ostaig am-bliadhna às-dèidh dhi bliadhna a chur seachad sa Fhraing.  Abair gu robh i èasgaidh – cho do rinn i bud gearain, ged a chuir sinn dhan mhuir aig Tràigh Ostaig i son greiseag bheag! Thog sinn oirnn an uairsin gu Cafaidh Strùpag, a th’ air a chleachdadh ann am Bannan, airson sealladh eile a chlàradh.

Bha tòrr a bharrachd air aon mhodel againn airson an dàrna bhideo agus sgioba bho SkyeDance cuide rinn, agus dithis sgoilear a tha air an t-siathamh bliadhna ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh. B’ iad Kirsty Dibble is Josh Harrigan an dithis a bha nam britheamhan airson an latha, agus b’ i Niamh NicFhionghain a chluich am prìomh charactar. Tha Niamh air a’ cheathramh bliadhna, agus tha i dèanamh an dà chuid dràma agus Gàidhlig mar sin cha b’ urrainn na b’ fheàrr airson a’ phàirt sa!

Thàinig cùisean gu crìoch ann an oifis Dualchas, companaidh ailtireachd a tha stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, agus Colm Boyd air beulaibh a’ chamara. Tha Colm air tilleadh a Shlèite bho chionn ghoirid às dèidh dha a bhith ag obair mar Ski Instuctor ann an Iapan. Tha e air tàlant eile a lorg, agus cleasachd a’ tighinn thuige gun dragh!

Thèid na filmichean a’ sgaoileadh gu ruige deireadh an Ògmhios agus bidh cothrom agaibh an uairsin feuchainn air Farpias Chuspair FilmG uair eile!