Naidheachdan

Filmichean goirid a ghlèidh gan craoladh air BBC ALBA

Tha BBC ALBA air fios a sgaoileadh, fhad 's a tha co-fharpais na bliadhna a' tighinn gu ceann, gun tèid trì de na filmichean a bhuannaich duais FilmG an-uiridh a sgaoileadh air an t-sianal aig àm na Nollaig.

Bidh na filmichean ann an Co-fharpais nam Filmichean Goirid Gàidhlig aig MG ALBA a' sìor dhol am feabhas a h-uile bliadhna agus, air sgàth bliadhna eile de dh'fhilmichean aig ìre àrd, bithear a' craoladh nam filmichean a-rithist don mhòr-shluagh.

Am measg nam filmichean a thèid craoladh bidh ‘Còig Puing a’ Trì’ leis an neach-film ùr, Lana Pheutan, a tha ag aithris sgeul mu bhoireannach tar-ghnèitheach agus mun dàimh eadar i fhèin is a teaghlach.

'S e adhbhar brosnachaidh da-rìribh do dhaoine a tha am beachd film a dhèanamh a th' anns a' chothrom chraolaidh air sianal nàiseanta air feadh Bhreatainn, cho math ris na duaisean tarraingeach don luchd-film a bhuannaicheas anns gach roinn.

'S e 14 Dùbhlachd ceann-latha co-fharpais 2018/19.

Thuirt am Manaidsear Pròiseict, Flòraidh Forrest:

“Tha luchd-film air filmichean a dhealbhadh, a chlàradh agus a ghearradh thar deireadh-seachdain roimhe a bhuannaich duais, mar sin dheth, tha mìos a' fàgail ùine gu leòr dhuibh airson film air leth math a dhèanamh! Tha duaisean sgoinneil againn mar as àbhaist agus, a thuilleadh air FilmG a bhith na adhbhar brosnachaidh do luchd-film ùr, tha cothroman iongantach ann airson am film agad a chraoladh air a' BhBC.”

Am measg duaisean na bliadhna sa, tha £2500 airson trèanadh, uidheamachd no pròiseact mheadhanan ri bhuannachadh anns an Roinn Fhosgailte airson an Stiùiriche As Fheàrr Sa Ghnìomhachas fo 30 bliadhna a dh'aois; tha £1000 ri bhuannachadh airson Film As Fheàrr le Oileanach; agus greis-obrach cuide ri BBC The Social san roinn Film As Fheàrr air Fòn-làimhe.

Tha duaisean fìor mhath rim faighinn ann an Roinn na h-Òigridh, agus £1000 ri bhuannachadh airson Film As Fheàrr, £500 airson Neach-film Òg As Fheàrr agus £250 airson Film As Fheàrr air Fòn-làimhe. Faodaidh daoine òga filmichean a chur thugainn fon ainm aca fhèin no cuide ris an sgoil aca aig àrd-sgoiltean far a bheil a' Ghàidhlig ga teagasg agus a tha an sàs ann am bùithtean-obrach le sgioba FilmG.

'S ann anns na sgoiltean a leanas a tha bùithtean-obrach an t-seachdain seo; Acadamaidh Chill Mheàrnaig, Àrd-sgoil Thobar Mhuire, Ard-sgoil Bhàgh a' Chaisteil, Àrd-sgoil MhicNeacail agus Acadamaidh Drochaid an Easbaig.

Tha liosta slàn de na roinnean duais agus fiosrachadh mu na duaisean rim faicinn aig http://www.filmg.co.uk.