Naidheachdan

Sgeadachadh, Solais, is Spòrs do Sgiobaidhean Dràma a’ Mhòid!

Fhuair na sgiobaidhean a ghabh pàirt ann am farpais dràma a’ Mhòid an cothrom tionndadh ùr a chur air seann sgriobtaichean airson farpais na bliadhna sa, is taic teicniceach bho luchd-film proifeiseanta ga thabhainn dhaibh. Mar a bu dual do bhuidhnean dràma coimhearsnachd, tha iomadach sgriobt aca nach deach a chleachdadh ach turas no dhà airson dràma air an àrd-ùrlar agus tha seo na chothrom an sealltainn do luchd-amharc ùr.

Air an deireadh-sheachdain a dh’fhalbh, theann Sgioba Dràma an t-Sabhail Mhòir air am film eagalach acasan, le Dòmhnall Eòghainn MacFhionghain a’ cumail taic ruitha. Tha Dòmhnall Eòghainn air ùine a chur seachad ann an Slèite is e na chleasaiche ann am Bannan, tha e cuideachd ag obair air a cheann fhèin mar neach-film. Cha robh sìde gheamhradail, dorcha na adhbhar dragh dhaibh idir – sin an dearbh rud a bha dhìth orra son film a dh’fhàgas luchd-amharc nan clisgeadh, tha e coltach!

  

Sùil air na bha Sgioba Dràma Chille-Mhoire ris!

Bha an neach-film à Inbhir Nis, Alasdair MacIlleathain ann ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich – sgìre air an do chur e mòran eòlais fhad ’ s a bha e a’ filmeadh an sreath a nochd air BBC ALBA bho chionn ghoirid, From Skye With Love. ‘S e comadaidh a bha san amharc aig Sgioba Dràma Chille-Mhoire is Alasdair gan cuideachadh. Tha an sgioba sa aithnichte aig a’ Mhòd son sgeidseachan a bheireadh gàire air gamhainn, agus tha sinn a’ cluinntinn gu bheil seo a’ cheart cho èibhinn!

‘S e film dràma tiamhaidh a tha san amharc aig Sgioba Dràma Uibhist, agus tha Andy MacFhionghain agus Zach Uallas bho Taigh Chearsabhagh Film gu bhith a’ cumail comhairle riutha an t-seachdain sa. Thar nam bliadhnaichean, tha Andy air iomadh film a riochdachadh airson leithid a’ BhBC, Taigh Tasgaidh V&A, agus Àrainneachd Eachdraidheil Alba, agus tha e air a bhith fuireach an Uibhist fad mòran bhliadhnaichean agus tha Zach a’ trèanadh an sin. Chòrd an sgeulachd a tha an sgioba a’ dol a chleachdadh gu mòr ri daoine nuair a chaidh a thaisbeanadh air an àrd-ùrlar, agus tha sinn cinnteach gum bi e sgoinneil ann am film!

Tha sinn fhìn a’ dèanamh fiughair ris na filmichean fhaicinn. Tha sinn an dòchas gu bheil agus sibhse!

Tha cha mhòr cola deug air fhàgail gu ceann-là FilmG, agus tha na buidhnean seo air dearbhadh nach leig thu a leas mòran ùine gus film math a dhèanamh. Mar sin, ma tha beachd agad fhèin, chan eil e ro anmoch tòiseachadh air clàradh!