Naidheachdan

Dealbhan-beò gu leòr ‘o dhaoine òg’!

 

Tha sinn air leth toilichte innse gun d’fhuair sinn 18 dealbhan-beò am-bliadhna a chaidh a dhèanamh le òigridh fad is farsaing – Sruighlea, Glaschu, An t-Eilean Sgitheanach, Ìle, Inbhir Pheofharain, Geàrrloch, Dùn Èideann, Inbhir Nis agus Farr!

Tha na filmichean aca a’ taisbeanadh sgilean cruthachail an ath ghinealaich agus tha iomadh diofar sgeulachd air innse sna dealbhan-beò.

Chithear dealbhan-beò bho chlann ann an C1-3, C4-7, agus san Àrd-sgoil air YouTube FilmG, agus cluinnidh sibh cò na buannaichean a bhios againn an ath-sheachdain!