Naidheachdan

"FilmG Fridays" air YouTube

Trobhad còmhla rinn bho sheachd uairean gach Dihaoine, a choimhead cuid de na filmichean Gàidhlig as fheàrr a fhuair sinn sa cho-fharpais gu ruige seo, le cruinneachadh ùr de dh’fhilmichean ga chur air YouTube gach seachdain.  

Tha sinn a’ tòiseachadh air Dihaoine 07 Sultain, le roghainn de chomadaidh bho roinn na h-òigridh, agus leanaidh sinn oirnn le filmichean de dh’iomadh seòrsa gu deireadh an Dàmhair.

Feuch gun lean sibh air YouTube sinn airson na cruinneachaidhean seo fhaicinn bho seo a-mach!