Naidheachdan

Farpais FilmG A' Sìor-Dhol Am Meud

Thàinig FilmG gu crìch an t-seachdain sa chaidh agus an sgioba a' cur an cèill gu bheil àireamh nam filmichean air a dhol am meud a-rithist am-bliadhna. Bidh a' cho-fharpais, a tha air fàs leantainneach fhaicinn thar nam bliadhnaichean, ag iarraidh air daoine òga air feadh na dùthcha filmichean goirid Gàidhlig a chruthachadh.

Tha a h-uile film ri fhaicinn air-loidhne bho Dhiardaoin 20 An Dùbhlachd agus faodar bhòtadh gu deireadh an Fhaoillich – mus tèid na filmichean a bhuannaicheas a ghairm aig cuirm bhliadhnail spaideil FilmG aig The Old Fruitmarket ann an Glaschu, 8 An Gearran 2019.

A h-uile bliadhna, bidh FilmG a' brosnachadh luchd-film ùr, a dh'aindeoin aois, gus film goirid a dhèanamh. Am-bliadhna, chaidh iarraidh orra film a dhèanamh stèidhichte air a' chuspair 'Ann am Priobadh na Sùla', agus chaidh sin a mhìneachadh air feadh na dùthcha ann an iomadh dòigh eadar-dhealaichte.

Tha na h-Eileanan Siar air grunn sgeulachdan drùidhteach a thoirt gu buil a-rithist, gu h-àraid anns an roinn Dùthchas. Chunnacas àireamh mhath de dh'fhilmichean anns an roinn ùir seo, agus iomadh cuspair ann eadar ainmean-àite ann an seann bhaile trèigte ann an Èirisgeigh agus sgeul mu chlub seòlaidh eathraichean dùthchasach air Taobh Siar Eilean Leòdhais. Anns an roinn Dùthchas, tha film eadar-ghinealaich ri fhaicinn mun Iolaire, an long a chaidh fodha faisg air cala Steòrnabhaigh o chionn ceud bliadhna le seòladairean a bha air tighinn tron Chogadh Mhòr beò air bòrd agus e an dàn gum faigheadh iad bàs air cladach an eilein aca fhèin.

Chuir grunn luchd-film Sgitheanach romhpa film comadaidh a dhèanamh. 'S ann mu bhuidseach a tha am film ‘Draoidh a' Bhuntàta’, le Harry Partridge agus Lyes Oussaiden, agus e a' dèanamh neach-coise na bhuntàta, mus ith e e! Tha e coltach gu bheil A H-UILE sgoilear ann am Bun-sgoil Shlèite anns an Eilean Sgitheanach den bheachd gu bheil Dòmhnall Trump fìor throm air a' Choca-Cola agus putan dearg aige a bhrùthas e nuair a tha e feumach air steall dhith! Anns an fhilm seo air a bheil ‘Neo-chiontas na h-Òige’ tha a' chlann as sine a' cur cheistean air an fheadhainn òig mun Bhànrigh, Brexit is a' Cheann-suidhe. Bidh na freagairtean a' fàgail an luchd-amhairc nan lùban.

Rinn mòran de na h-àrd-sgoiltean filmichean air cuspair a tha a cheart cho iomchaidh san latha an-diugh 's a bha e a-riamh, 's e sin burraidheachd. Tha e inntinneach gu bheil na filmichean air diofar thaobhan de bhurraidheachd a thaisbeanadh, a leithid Acadamaidh Allt a' Mhuilinn a rinn am film domhainn, ‘Aineolas’, mu dheidhinn nighean òg Muslamach a tha a' fulang droch-dhìol bho a co-aoisean air sgàth na beannag a bhios i a' cosg. Tha am film le Drochaid an Easbaig ‘Cumhachdan’ a' dèiligeadh leis a' chuspair ann an dòigh nas aotruime agus caileag a' cur a cumhachdan dìomhair gu feum airson làmh an uachdair fhaighinn air na burraidhean. Chithear cunnartan air-loidhne cuideachd ann an grunn fhilmichean a leithid ‘Catriona’ le Tobar Mhoire anns a bheil rabhadh mu catfishing, far am bi daoine cunnartach air an eadar-lìon a' cur an ìre gur e daoine òga a th' annta fhèin is iad a' feuchainn ri clann is òigridh a mhealladh.

Thuirt Flòraidh Forrest, Manaidsear Pròiseict FilmG, is i air a dòigh a-rithist le filmichean na bliadhna:

“'S e cothrom coimhead air na filmichean nuair a thig iad a-steach a' phàirt as fheàrr dem obair-sa. Tha e fìor thlachdmhor a bhith a' faicinn adhartas nan daoine òga seo thar nam bliadhnaichean agus tha na filmichean am-bliadhna nas fheàrr buileach le measgachadh de sheòrsachan, sgeulachdan is faireachaidhean.

“Tha a' cho-fharpais nas soirbheachaile na bha i a-riamh agus sinn air barrachd fhilmichean goirid fhaighinn na fhuair sinn a-riamh mar thoradh air sin agus tha mi toilichte a ràdh gu bheil ìre nam filmichean air a dhol am feabhas a-rithist. Tha làn-fhios aig a' chloinn ciamar a chuireas iad uidheam camara is deasachaidh gu feum – tha e cho nàdarra dhaibh ri tarraing anail.”

Bha MG ALBA – a bhios a' maoineachadh FilmG – fìor thoilichte mu ìre nam filmichean agus gu bheil a' cho-fharpais stèidhichte gu daingeann ann an roinn nam meadhanan Gàidhlig. Thuirt Murchadh MacSuain, Manaidsear Conaltraidh MG ALBA:

“Tha e uabhasach math gu bheil FilmG a' sìor-dhol am feabhas a h-uile bliadhna agus 's e adhbhar brosnachaidh a th' ann do MG ALBA gu bheil gluasad ann eadar a' cho-fharpais agus gnìomhachas telebhisein na Gàidhlig. Bidh FilmG a' taisbeanadh susbaint Gàidhlig a tha inntinneach, àrd-amasach agus iomchaidh ann an dòigh a tha an dà chuid freagarrach agus spòrsail.”

Nach gabh thu sùil air filmichean òigridh agus filmichean inbheach na bliadhna!