Naidheachdan

AGUS ANN AM PRIOBADH NA SÙLA, THA AN T-ÀM ANN AIRSON FILMG!

Tha FilmG, co-fharpais nam filmichean goirid Gàidhlig aig MG ALBA, an aona cho-fharpais deug, ga fhoillseachadh le cuspair na bliadhna, 'Ann am Priobadh na Sùla'.

Bhon a chaidh a stèidheachadh ann an 2008, tha FilmG air deugairean, buidhnean sgoile, buidhnean coimhearsnachd, oileanaich is luchd-film a bhrosnachadh gus na camarathan is fònaichean-làimh aca a chur an sàs agus an tàlant cruthachail aca a chur gu feum cho math ri an cuid Gàidhlig. Thathar ag iarraidh air luchd-film filmichean goirid gu ruige còig mionaidean a dhèanamh sa Ghàidhlig agus tha maoin duaisean luach £10,000 gu lèir ann don luchd-film a shoirbhicheas.

Chuir sgioba FilmG na meadhanan-sòisealta gu feum an t-seachdain sa airson fios a sgaoileadh is iad air meanbh-fharpais a chur air dòigh a dh'iarr air daoine cuspair na bliadhna sa a thomhas. Chaidh trì filmichean a sgaoileadh air na meadhan-sòisealta a chuir an cuspair an cèill ann an dòighean eadar-dhealaichte.

Fhreagair àireamh mhòr de dhaoine agus chaidh iomadh sgoil an sàs ann, le 153 tuairmsean uile gu lèir. B' i Elissa, a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn, a' chiad neach a fhuair an fhreagairt cheart agus choisinn i speaker spaideil Bluetooth Sugr airson a cuid oidhirpean.

Thuirt Manaidsear Pròiseict FilmG, Flòraidh Forrest:

“Tha sinn a' leantainn oirnn is sinn a' feuchainn ri FilmG a dhèanamh cho tarraingeach 's a ghabhas do Ghàidheil òga agus 's e sin as adhbhar gum bi sinn a' dèanamh nas urrainn dhuinn airson feum a dhèanamh de na meadhanan-sòisealta. 'S e seo a' chiad bhliadhna a rinn sinn filmichean airson cuspair na co-fharpais a sgaoileadh agus fhuair sinn àireamh mhath de fhreagairtean bhon luchd-leantainn againn."

Thèid na bhideothan a chleachdadh airson cuspair FilmG a bhrosnachadh ann an sgoiltean air feadh Alba far am bi FilmG a' liubhairt bhùithtean-obrach an dèidh nan làithean-saora. Chòrdadh e ris an luchd-eagrachaidh ge-tà nan rachadh barrachd bhuidhnean coimhearsnachd is luchd-film ùr an sàs thar an t-samhraidh, mus caill sinn an deagh aimsir agus solas an latha. Lean Flòraidh oirre:

"Ged a bhios sinn a' foillseachadh na co-fharpais as t-samhradh, cha bhi cuid mhòr a dhaoine a' tòiseachadh air na filmichean gus am bi an ceann-latha a' teannadh dlùth agus dh'fhaodadh sin fhèin a bhith dùbhlanach a' feuchainn ri film a dhèanamh san t-Samhain no san Dùbhlachd! Ma tha thu am beachd film a dhèanamh, cuir fios thugainn an-dràsta agus bheir sinn dhut nas urrainn dhuinn de thaic ach bidh sinn ag iarraidh ort gun tòisich thu cho tràth 's a ghabhas!"

Tha MG ALBA, a bhios a' maoineachadh na co-fharpais, ag iarraidh air daoine òga a tha ag obair sa ghnìomhachas a thighinn an sàs am-bliadhna. Thuirt Stiùiriche Ro-innleachd is Com-pàirteachais aig MG ALBA, Iseabail Nic an t-Sagairt:

"Nuair a chaidh FilmG a chur air chois ann an 2008, bhathar an dòchas gun rachadh cothrom ùr a liubhairt airson a' Ghàidhlig a chleachdadh anns na gnìomhachasan cruthachail, ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil soirbheachadh na co-fharpais air a dhol seachad air na bhathar an dùil an toiseach agus tha e stèidhichte a-nis ann an roinn foghlam na Gàidhlig far am faca sinn àrdachadh mòr san uiread de dh'fhilmichean a fhuair sinn an-uiridh. Am-bliadhna bu mhath leinn gun rachadh an àireamh de dh'oileanaich is de dhaoine òga a tha ag obair sa ghnìomhachas am meud agus leis na th' ann de dhuaisean math, 's e cothrom nach bu chòir leigeil seachad."

Tha na leanas am measg nan duaisean am-bliadhna: £1,000 airson Film As Fheàrr le Oileanach, £2,500 airson Stiùiriche As Fheàrr sa Ghnìomhachas (fo aois 30) agus greis obrach le companaidh riochdachaidh anns a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Bidh a' cho-fharpais a' dùnadh Dihaoine 7 Dùbhlachd agus tha barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn air làrach-lìn FilmG, http://www.filmg.co.uk agus air na meadhanan-sòisealta.